Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Mgr Earraig Kwiecien

Seirbheis le Mgr Earraig Kwiecien, sagart-cuideachaidh Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille san Obann. Gaelic service with Fr Jarek Kwiecien, assistant priest St Columba's Oban.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Seo an Gaol mar Meud na Mara, air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Barr.
Pòl MacCaluim, Kirsteen Menzies agus Anna Nic na Ceardaich a' seinn,,A Thighearna Dhia
Cia Domhainn Gràdh an Athar Dhomh, le Donaidh Murdo MacLeòid
Catrìona Anna Nic a' Phì a' seinn, O Iosa bi 'n Còmhnaidh
Màiri NicAonghais a' seinn, Gràs

Leughadh: Soisgeul Eòin 20: 10-18

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr aig fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr'-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn còrr is deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.

A thaobh an ceangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhein,“‘S e sgeul gaoil a tha sin.â€
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr àiteachan an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.â€
Dh'ionnsaich e an cànan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall rinn e sin. Tha Mgr Earraig a-nise na shagart ann an Sgìr'-easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean agus an-dràsta fhèin na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille san Òban.

30 minutes

Last on

Sun 10 Mar 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 10 Mar 2024 09:00
  • Sun 10 Mar 2024 15:00