Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e Seonaidh MacPhàidein à Colbhasa cèiliche na seachdain. Cathy chats to Johnny MacFadyen, formerly of the RAF, serving in Bosnia and Kosovo.

Bish an cleasaiche ainmeil Martin Compston air ais air Â鶹Éç Scotland an-ath-oidhch', le sreath ùr den phrògram far am bi e a' siubhal air feadh na dùthcha. 'S ann a' ruith air Alba fhèin a bha e an turas mu dheireadh, 's a charaid, Phil McHugh na chois ach an turas sa, tha 'd ann an Nirribhidh. Tha Phil ann an còmhradh ri Cathy, ag innse mar a chaidh dhaibh agus mu na bhios ri fhaicinn air Martin Compston's Norwegian Fling.

Air Seachdain na Gàidhlig, tha an Dr Donnchadh Sneddon ag innse mu chùrsa a tha e fhèin a' teagasg air an t-seann Ghàidhlig.

'S ann do dh'eilean Cholbhasa a bhuineas cèiliche na seachdain. Tha Seonaidh MacPhàidein an-diugh a' tàmh ann am Fìobha ach tha beatha-obrach air leth inntinneach air a bhith aige an cois Feachd an Adhar, na oifigear-slàinte meidigeach agus an cois luchd-teasairginn nam beann. Bha e ann am Bosnia agus an Kosovo fhads a bha cogadh a' dol sna dùthchannan sin agus tha e cuideachd air ùine a chur seachad air Everest, an cois sgioba-teasairginn a sin. An-diugh, tha e ann an còmhlan roc agus dèidheil air a bhith a' riagail air motair-baidhsagal!

57 minutes

Last on

Wed 21 Feb 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 21 Feb 2024 09:00
  • Wed 21 Feb 2024 22:25