le Cathy NicDhòmhnaill
A bheil ùidh às ùr a' nochdadh ann an Comainn Ghà idhlig Ghlaschu? Cathy chats to folk from Glasgow's various Gaelic Associations about a burgeoning interest in membership.
Chùm Comann Mhuile 's Eilean Ì an cruinneachadh aca - a' chiad chuirm dhen bhliadhna - Disathairne a chaidh. Ach dè cho soirbheachail 's a tha na comainn ann an Glaschu sa là a th' ann? Tha Cathy ann an còmhradh ri riochdairean bho chuid de na comainn mun t-slighe air adhart.
Tha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh 's a' reic irisean is leabhraichean, air ais còmhla rinn le sùil air an iris Eilean an Fhraoich. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Tha Coinneach air taghadh a dheà namh de chriomagan is aithrisean a tharraing aire fhèin.
Fèilidhean agus sliopairean le dealbh losgainn orra - dà rud a nochd aig Seachdain Fasan Lunnainn am-bliadhna. Tha 40 bliadhna dhen t-Seachdain ga chomharrachadh an-drà sta 's tha an dealbhaiche, Sandra Mhoireach a' toirt sùil air dè an còrr a bha ri fhaicinn.
Tha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha agus sinn a' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna am-bliadhna bho sgrìobh Anne Frank na briathran mu dheireadh san leabhar-latha aice fhèin. Tha Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhichte air leabhar-latha agus an-diugh tha i a' toirt sùil air The Alan Clark Diaries.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 22 Feb 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 22 Feb 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal