Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò dìreach a th' anns na Houthis anns An Ear-mheadhanach? Who exactly are the Houthis, offically known as Ansar Allah?

Cò dìreach a th' anns na Houthis mu bheil sinn a' cluinntinn anns na naidheachdan an-dràsta 's an aimhreit a' leantail anns An Ear-mheadhanach? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air eachdraidh na buidhne.

Tha an còcaire Ùisdean MacLeòid air ais le brot a chumas blàths rinn tron t-sneachd 's an reòthadh! An-diugh, brotan air an deànamh le leantailean agus peasairean.

'S e Calum Iain MacLeòid, Cèiliche na Seachdain. 'S ann à Nis ann an Leòdhas a tha Calum Iain. Thòisich e ag obair na òige aig Comhairle nan Eilean Siar nuair a b' e Comhairle nan Eilean fhèin a bh' oirre, 's iad air ùr thòiseachadh mar chomhairle ionadail ann an 1975. Às a sin, chaidh e an sàs ann an diofar dhreuchdan a thug eòlas farsaing dha air na h-eileanan gu lèir. Tha e air a dhreuchd a' leigeil dheth an-diugh ach tha e na Chathraiche air Comunn na Gàidhlig agus trang le cur-seachadan mar ball-coise agus oghaichean!

57 minutes

Last on

Wed 17 Jan 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 17 Jan 2024 09:00
  • Wed 17 Jan 2024 22:25