le Cathy NicDhòmhnaill
Nirribhidh a' gabhail ceum gu mèinnearachd ann an doimhneachd a'chuain. Carson? What are the pros and cons of commercial deep-sea mining?
Dh'fhaodadh gun tòisich obair mèinnearachd coimeirsealta anns na h-uisgeachean mu chuairt air Nirribhidh. Ma thèid a cheadachadh, 's e Nirribhidh a' chiad dùthaich 's an t-saoghal anns an tèid fheuchainn. Carson a tha 'd a' feuchainn air, dè tha 'd a' lorg agus ciamar a dh'obraicheas e?
Tha Neen NicAoidh a' toirt sùil air ais air beatha Annie Nightingale, a chaochail air an t-seachdain-sa chaidh. B' i a'chiad preasantair boireann a bha riamh aig Radio 1 - rud a thug buaidh mhòr air saoghal craolaidh bhon à m sin a-mach.
Dè na stuthan bìdh a bhios gam buain an-drà sta? Tha an còcaire Gregor MacLeòid a' toirt stiùir air dè as fheà rr a thilgeil dhan phrais aig an à m seo dhen bhliadhna.
Tha prògram ri chluinntinn air Radio 3 an-drà sta, anns a bheil Rob MacAoidh, a tha na sgrìobhaiche-ciùil, a' siubhal air ais gu eilean beag à raich a sheanar - Eilean nan Ròn far costa Chataibh. Dh'fhalbh na daoine mu dheireadh bhon eilean ann an 1938. Tha 'm prògram ga chraoladh mar phà irt dhen t-sreath Between The Ears air Radio 3. Tha Caristìona Stone, a tha tà mh ann an Cataibh, air a bhith ga èisteachd 's i cuideachd a' toirt sùil air eachdraidh Eilean ann Ròn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 16 Jan 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Jan 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal