Main content
Sorry, this episode is not currently available

Àm na Beannachd

Àm na Beannachd, prògram a chuala is a thug stad air Krisell Dhòmhnallach ann an 2016. Krisell MacDonald's choice from the Â鶹Éç archive marking 100 years of Gaelic broadcasting.

San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean Â鶹Éç Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.

Tha Krisell Dhòmhnallach air prògram a thaghadh a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2016. Ann an Àm na Beannachd, le Catrìona Mhoireach, bha i ann an còmhradh ri Mairead NicLeòid bhon chòmhlan Na h-Òganaich mun dàimh is an càirdeas a dh'èirich eadar an còmhlan agus Murchadh MacPhàlain, Bàrd Mhealaboist.

Cha robh Krisell ach naoi bliadhna deug nuair a chuala i an toiseach e ach le ceòl, bàrdachd, agus còmhradh air leth blàth is càileir eadar Mairead agus Catrìona, 's math as fhiach e dhuinn beagan dheth a chluinntinn às ùr.

30 minutes

Last on

Sun 12 Nov 2023 09:30

Broadcasts

  • Mon 6 Nov 2023 15:30
  • Wed 8 Nov 2023 20:00
  • Sun 12 Nov 2023 09:30