Bhòidse an Urr Aonghas MacFhionghain
'S e sgeulachd mu thuras-mara iongantach a thagh Iain Moireach à tasglann a' BhBC. John Murray chooses a programme from the Â鶹Éç archive to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghà idhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean Â鶹Éç Radio nan Gà idheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho là idir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Sa chiad phrògram san t-sreath, tha an craoladair Iain Moireach gar toirt air ais gu 2004. Chaidh Coinneach MhicÌomhair a chèilidh air an Urr Aonghas MacMhathain MacFhionghain, na dhachaigh ann an Albainn Nuadh. Bhuineadh e don Allt Bheithe bho thùs ach, aig aois 84, sheòl e tarsainn a' Chuain Siar leis fhèin, eadar Canada is Sasainn. Dh' innis e do Choinneach MacÌomhair mar a chaidh dha air an turas agus tha Iain ag innse dhuinn carson a tha cuimhne cho math aigesan air a' chòmhradh, cha mhòr fichead bliadhna bho chaidh a chraoladh an toiseach; agus carson a mholadh e do dhaoine èisteachd ris às ùr an-diugh.
Last on
Broadcasts
- Mon 30 Oct 2023 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Nov 2023 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Nov 2023 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal