Ulaidhean Nis
Na h-ulaidhean bho Linn an Umha, 3000 bliadhna a dh' aois, a tha air tilleadh a sgìre Nis. The 3000-year-old Bronze Age treasures returning to Ness.
Bho chionn còrr air 100 bliadhna, chaidh nithean annasach bho Linn an Umha an lorg ann an sgìre Nis, an Eilean Leòdhais. Tha iad a-nise air tilleadh gu taisbeanadh ann an Comunn Eachdraidh Nis - ach dè th' unnta, agus ciamar a chaidh an lorg? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn aig fosgladh an taisbeanaidh, agus a-muigh far an deach cuid de na h-ulaidhean a lorg, airson an tuilleadh ionnsachadh.
B' ann sa bhliadhna 1891 a lorg Murchadh MacÌomhair claidheamh 3000 bliadhna a dh' aois anns an Àird; agus dhà na thrì mhìosan às dèidh sin, fhuair e pà irt de chlaidheamh eile san aon à ite. Bhon uairsin b' e Murchadh a' Chlaidheimh a bh' aig daoine air, ach chaidh an claidheamh a Dhùn Èideann, is chan eil an sgeulachd sgrìobhte sna leabhraichean eachdraidh air mar a fhuair Murchadh e air a bhith buileach ceart. Tha an claidheamh a-nise air tilleadh ge-tà , agus tha Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn is Eilidh Ghreumach ag innse mar a chuala iad fhèin far an deach a lorg - aig an dearbh là rach far an d' fhuair Murchadh e.
Tha Coinneach cuideachd a' bruidhinn ri feadhainn a tha cà irdeach dha Dòmhnall Moireach, a lorg Ulaidh Adabroc sa mhòine ann an 1910 - stòras de là mhaighean umha, grìogagan ambair agus glainne, agus grìogag òr cuideachd. Tha Mà iri Catrìona Chaimbeul agus Dolina Mhoireach ag innse mar a dh'fhan a' sgeulachd anns an teaghlach aca fhèin, leis gur e Dòmhnall brà thair an seanair, agus a' chuimhne th' acasan air far an deach an lorg.
Sin agus beachdan bhon Dr Fionnlagh MacLeòid a dh'fhosgail an taisbeanadh, an Dr Mata Knight bho Thaigh-tasgaidh Nà iseanta na h-Alba, agus cuid eile dha na Nisich a thà inig a-mach chun Chomunn Eachdraidh aca, nuair a chaidh an taisbeanadh sònraichte sa fhosgladh.
Còirichean nan dealbh glèidhte aig Taigh-Tasgaidh Nà iseanta na h-Alba.
Last on
Broadcasts
- Mon 15 May 2023 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 17 May 2023 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 May 2023 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Jan 2024 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal