le Maureen NicLeòid
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha Buill Phà rlamaid ann a Westminster air taic a thoirt do bhile a tha a' moladh nach fhaod an luchd-obrach air fad ann an cuid de sheirbheisean poblach a dhol air stailc, ach gu feum gu leòr de luchd-obrach a bhith ag obair airson na seirbheisean a chumail a' dol. Theid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air a' bhile ann an Taigh nam Morairean mus bi e laghail. Mìnichidh Tòmas MacAilpein, a tha na bhall den aonadh an UCU, na tha na h-atharraichean a' ciallachadh dha na h-aonaidhean-ciùird agus nì am fear-naidheachd, Aonghas Dòmhnallach, comas eadar mar a bha cùisean sna 70an 's na 80an agus mar a tha cùisean an-diugh le strì eadar an riaghaltas agus luchd-obrach airson à rdachadh pà ighidh.
Cluinnidh sinn bho Pheigi Nic a' Phiocair agus bho Mhà rtainn Mac an t-Saoir mar a tha Leabharlann Bà rdachd na h-Alba gu bhith a' còmharrachadh Seachdain na Gà idhlig.
Innsidh Dòmhnall Dòmhnallach na tha cho sònraichte mun reul-chearbach no comaid uaine a tha a' dol a nochdadh sna speuran an-ath-oidhch' agus cuideachd cuin a nochd a leithid roimhe.
Dè cho ciallach 's a tha e a bhith a' gluasad airgid bho aon chunntas banca gu cunntas banca eile? Gheibh sinn stiùireadh bhon eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Mà rtainn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 1 Feb 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Feb 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal