Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Maureen NicLeòid

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha 70 bliadhna bho thàinig am bàta Clan MacQuarrie air tìr le droch thìde air cladach Bhuirgh air taobh siar Eilean Leòdhais. Gheibh sinn na cuimhneachain aig Cathy Ann Mhoireasdain a bha ochd bliadhna a dh'aois aig àm na tubaist agus innsidh Dòmhnall Dòmhnallach mar a tha an là gu bhith air a chomharrachadh ann an Talla Clann MhicGuaire feasgar an-diugh.

Tha Calina NicDhòmhnaill a' leantainn oirre le sreath air na rudan a tha sinn a' cur air ar biadh airson blas a chur ris. An-diugh tha i a' toirt sùil air sabhs leithid tomàto, sabhs donn, tabasco, wasabi agus harissa.

Tha an riaghaltas a’ sgrùdadh aois peinnsean na stàit ann am Breatainn le beachd àrdachadh a-rithist. Mar a tha cùisean an-dràsta gheibh daoine peinnsean na stàit nuair a ruigeas iad aois 67 ann an 2028, agus 68 mun àm a thig 2046. Ach a bheil daoine deònach a bhith ag obair gum bi iad faisg air 70? Gheibh sinn beachd thriùir air a' chùis.

A bheil am prògram tbh Outlander air cron a dhèanamh air cànan agus cultar nan Gàidheal? Bheir an t-eòlaiche-eachdraidh, Coinneach MacIllEathain, dhuinn a bheachd.

57 minutes

Last on

Tue 31 Jan 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 31 Jan 2023 09:00
  • Tue 31 Jan 2023 22:25