Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1218
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1218. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 20 Nov 2022
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 914
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1218
Duration: 05:00
Litir 1218: Dà naidheachd à Raineach
Bha mi o chionn ghreis ann an Coille Dhubh Raineach, no ‘Coille Dhubh Raineach’ mar a chanadh na seann Ghà idheil a bhuineadh don à ite. ʼS i tè de na seann choilltean Cailleannach a bha uaireigin pailt air a’ Ghà idhealtachd. Bha i uaireigin na h-à ite-falaich aig eucoirich agus fineachan a bha nan nà imhdean don riaghaltas.
Tha dualchas na Gà idhlig là idir ann an Raineach. Bhiodh naidheachdan beaga aca dhen t-seòrsa a chluinnte anns an taigh-chèilidh. Bu mhath leam dà naidheachd à Raineach innse dhuibh an-diugh.
Tha a’ Choille Dhubh air cladach a deas Loch Raineach, agus tha an naidheachd seo à Loch Raineach fhèin. Bha duin’-uasal à Lunnainn a bhiodh a’ tighinn a Loch Raineach airson iasgach. Tha mi a’ dèanamh dheth gum biodh e a’ tighinn a h-uile bliadhna.Â
Turas a bha seo, chaill e fà inne bho a chorraig. Bha e ag iasgach ann am bà ta, agus thuit an fhà inne don uisge. Cha b’ e fà inne à bhaisteach a bh’ innte. Bha suaicheantas a theaghlaich oirre. Bhiodh e furasta gu leòr don duine leis an robh i a h-aithneachadh. Ach bha i air a dhol gu aigeann an locha. Cha robh dùil no dòchas gum faigheadh an duine sealladh oirre a-rithist.
Ge-tà , thill an duine seo a Raineach an ath bhliadhna. Bha e a’ siubhal ann an carbad-iarainn. Bha fear mu a choinneamh agus mhothaich am fear à Lunnainn gun robh fà inne air a chorraig. ‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt e, ‘ach cà it an d’ fhuair sibh an fhà inne sin? Sin an fhà inne agamsa. Tha suaicheantas mo theaghlaich oirre.’
‘Uill,’ thuirt am fear eile, ‘innsidh mi dhuibh mar a thachair. Bha mi ag iasgach ann an Loch Raineach agus ghlac mi breac. Chaidh an t-iasg a thoirt don chòcaire anns an taigh-òsta agus chaidh a bhruich dhomh. Ach thà inig an còcaire chun a’ bhùird agus chuir e fà inne air mo bheulaibh. Dh’inns e dhomh gun do lorg e an fhà inne ann an stamag an èisg.’ Nach iongantach an sgeul agus thathar ag rà dh gu bheil e fìor.
Tha an naidheachd eile mòran nas sine, agus cluinnear a leithid ann am pà irtean eile dhen Ghà idhealtachd cuideachd. Ann am Bliadhna Theà rlaich, bha saighdearan-dearga siar air Loch Raineach. Chunnaic iad saighdear Gà idhealach air mullach Meall Comraidh. Bha e ri mì-mhodh is fanaid orra.Â
Chuir iad dithis shaighdearan-dearga suas airson dèiligeadh ris. Dh’fhalbh iad thar a’ mhullaich agus à fianais. Chualas fuaim de chath agus cha do thill na saighdearan-dearga. Chaidh a h-uile cà il sà mhach.Â
Goirid an dèidh sin, thill an saighdear Gà idhealach gu mullach na beinne. Thòisich e a-rithist air fanaid. An turas seo, chaidh feachd a chur suas airson dèiligeadh ris. Dh’fhalbh iad à fianais air cùl mullach na beinne. A-rithist bha fuaim de shabaid ann, air a leantainn le sà mhchair. Agus nochd an saighdear Gà idhealach a-rithist air a’ mhullach.
An turas seo, dh’òrdaich an coirneal ionnsaigh mhòr a thoirt air an t-saighdear Ghà idhealach. Dh’fhalbh a h-uile saighdear-dearg còmhla. Nuair a bha iad faisg air a’ mhullach, nochd fear de na saighdearan aca fhèin. Cha robh e marbh, ach bha e air a leòn. ‘Thallaibh air ais!’ dh’èigh e mar rabhadh. ‘ʼS e feall a th’ ann! Tha dithis ann!’

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Coille Dhubh Raineach: The Black Wood of Rannoch; Cailleannach: Caledonian; aigeann: bottom, great depth; mu a choinneamh: opposite him; breac: trout; Bliadhna Theà rlaich: 1745-6.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mar a chanadh X a bhuineadh don à ite: as X who belonged to the place would say; bha i uaireigin na h-à ite-falaich aig eucoirich agus fineachan a bha nan nà imhdean don riaghaltas: it was at one time a hiding place for criminals and clans who were enemies of the government; bhiodh naidheachdan beaga aca dhen t-seòrsa a chluinnte anns an taigh-chèilidh: they would have (tell) anecdotes of the sort that would be heard in the ceilidh house; bho a chorraig: from his finger; cha b’ e fà inne à bhaisteach a bh’ innte: it wasn’t a normal ring; bha suaicheantas a theaghlaich oirre: his family’s crest was on it; bhiodh e furasta gu leòr don duine leis an robh i a h-aithneachadh: it would be easy enough for the man who owned it to recognise it; cha robh dùil no dòchas gum faigheadh an duine sealladh oirre a-rithist: there was no expectation or hope that the man would see it again; thill an duine seo a Raineach an ath bhliadhna: this man returned to Rannoch the following year; innsidh mi dhuibh mar a thachair: I’ll tell you what happened; thà inig an còcaire chun a’ bhùird: the chef came to the table; bha e ri mì-mhodh is fanaid orra: he was being rude and derisory towards them; airson dèiligeadh ris: to deal with him; thar a’ mhullaich agus à fianais: over the summit and out of sight; chualas fuaim de chath: sound of battle was heard; bha e air a leòn: he was wounded; ʼs e feall a th’ ann: it’s a trap; tha dithis ann: there are two of them.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a’ siubhal ann an carbad-iarainn: travelling in a train. While the loanword ³Ù°ùè²¹²Ô²¹ is most commonly used today for ‘train’, older Gaels would call it a carbad-iarainn ‘iron chariot’, so I used that term, as the story might go back a long time. I remember an old man in Applecross years ago who would quite naturally speak of a carbad-ola, rather than using the loanword ³¦Ã °ù, as that was the vocabulary he had grown up with. He had been a postman and could remember when, towards the end of his career, his bicycle was replaced by a carbad-ola.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha mi a’ dèanamh dheth gum biodh e a’ tighinn a h-uile bliadhna: I reckon he would be coming every year.
Broadcast
- Sun 20 Nov 2022 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.