Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1217
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1217. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 13 Nov 2022
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 913
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1217
Duration: 05:00
Litir 1217: Ùisdean Mòr agus a' Ghobhar Bhuidhe
Tha mi airson sgeulachd innse dhuibh à sgìre Gheà rrloch ann an Ros an Iar. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Ùisdean Mòr agus a’ Ghobhar Mhòr Bhuidhe’.Ìý
Bha fear ann uaireigin a’ fuireach ann an Diabaig air an robh Ùisdean Mòr mar ainm. No Ùisdean Mòr Mac Gille Phà draig airson ainm slà n a thoirt dha. ’S e duine treun a bh’ ann. Cha robh cà il ann a chuireadh eagal air, agus bha e deònach aghaidh a thoirt air olc sam bith.Ìý
Bha frith-rathad eadar Diabaig agus Geà rrloch. Bha e a’ dol thairis air monadh. Bhathar a’ gabhail ‘An Tom Buidhe’ air. Tha glac ann air a bheil Slocag an Tuim Bhuidhe, agus bha cunnart an sin. Dè an cunnart a bh’ ann? Gobhar mhòr fhiadhaich a bha a’ fuireach ann. Bhiodh a’ ghobhar bhuidhe a’ dol ann an iomadh riochd. Bhiodh i a’ toirt ionnsaigh mharbhtach air luchd-siubhail. Bha e fìor chunnartach a dhol ann an dèidh dol-fodha na grèine. Ach b’ e sin an dùbhlan do dh’Ùisdean Mòr!
Latha a bha seo, dh’fhà g Ùisdean Geà rrloch aig ciaradh an fheasgair agus rinn e air an t-slighe a Dhiabaig. Thà inig e gu taigh. Fhuair e fà ilte is furan bhon fhear a bha a’ fuireach ann, a bha na bhreabadair.
‘Cà it a bheil thu a’ dol?’ dh’fhaighnich am breabadair.
‘Tha mi a’ dol,’ ars Ùisdean, ‘a dh’ionnsaigh an Tuim Bhuidhe.’
‘Ist,’ thuirt am breabadair, ‘nach eil eagal ort ron Ghobhair Bhuidhe?’
‘Chan eil,’ fhreagair Ùisdean. ‘Tha claidheamh agam.’
‘Dè mura tig an claidheamh às an truaill?’ arsa fear an taighe.
‘Mura tig,’ fhreagair Ùisdean, ‘feuchaidh mi an gunna oirre.’
‘Ge-tà ,’ thuirt am breabadair. ‘Dè thachras mura loisg an gunna?’
‘Mura loisg,’ ars Ùisdean, ‘feuchaidh mi Catrìona, piuthar mo sheanmhar’.
Thà inig an còmhradh gu ceann. Chùm Ùisdean a dol air a shlighe. Rà inig e Slocag an Tuim Bhuidhe agus chuala e meigeadaich na goibhre. Leum a’ ghobhar ga ionnsaigh. Chuir Ùisdean a là mh air a chlaidheamh agus tharraing e air. Ach, mo chreach, cha tigeadh e às a thruaill. Cha mhòr nach robh a’ Ghobhar Bhuidhe air. Thog Ùisdean a ghunna. Loisg e e, ach cha tà inig sradag à s!
‘Ùisdein Mhòir Mhic Ghille Phà draig,’ ars a’ ghobhar, a’ dèanamh lachan-gà ire, ‘cà it a bheil do chlaidheamh ’s do ghunna?’ Rug a’ bhèist air Ùisdean agus chuir i gu a ghlùinean e. ‘Agus cà it a bheil Catrìona, piuthar do sheanmhar?’
‘Tapadh leat,’ ars Ùisdean, ‘airson a cur nam chuimhne’. B’ e ‘Catrìona’ ainm a bhiodaig a bha am falach na chuid aodaich. Tharraing e i, agus shà th e a-steach i a bhrù na goibhre. Chaidh a’ ghobhar à fianais sa bhad.
Dh’fhalbh Ùisdean air ais gu taigh a’ bhreabadair. Cha robh am breabadair san leabaidh ged a bha e anmoch air an oidhche. Bha e na laighe fon bheairt aige, a’ sileadh na fala.
‘Seall dhomh na lotan agad,’ thuirt Ùisdean. Chunnaic e lot ann am brù a’ bhreabadair. Dh’aithnich e gum b’ e am breabadair a’ ghobhar olc ann an riochd eile.Ìý
‘Mas tu a rinn uiread de chall air an Tom Bhuidhe,’ thuirt Ùisdean, ‘cha tèid thu òirleach nas fhaide.’ Thug Ùisdean sà thadh bà is don bhreabadair le a bhiodaig.
Dh’fhalbh Ùisdean Mòr Mac Gille Phà draig air ais dhachaigh. Agus cha deach aon duine a mharbhadh le gobhar no fuath air an Tom Bhuidhe bhon uair sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: gobhar: goat; frith-rathad: moorland road; Slocag an Tuim Bhuidhe: the small hollow of the Tom Buidhe ‘yellow knoll’; lachan-gà ire: guffaw; sà thadh bà is: death-thrust; le e bhiodaig: with his dirk; fuath: spectre.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: à sgìre Gheà rrloch ann an Ros an Iar: from the Gairloch area in Wester Ross; airson ainm slà n a thoirt dha: to give him his full name; cha robh cà il ann a chuireadh eagal air: there was nothing that would frighten him; bha e deònach aghaidh a thoirt air olc sam bith: he was willing to face up to any evil; bhiodh X a’ dol ann an iomadh riochd: X would appear in many forms; dol-fodha na grèine: the setting of the sun; ciaradh an fheasgair: dusk; fhuair e fà ilte is furan bhon fhear a bha a’ fuireach ann, a bha na bhreabadair: he received a welcome from the man who was living there, who was a weaver; dè mura tig an claidheamh às an truaill?: what if the sword doesn’t come out of the scabbard?; feuchaidh mi an gunna oirre: I’ll try the gun on it (the goat); dè thachras mura loisg an gunna?: what happens if the gun doesn’t fire?; feuchaidh mi Catrìona, piuthar mo sheanmhar: I’ll try Catriona, my grandmother’s sister; chuala e meigeadaich na goibhre: he heard the goat’s bleating; cha tigeadh e às a thruaill: it wouldn’t come out of its scabbard; cha mhòr nach robh X air: X was almost upon him; loisg e e, ach cha tà inig sradag à s: he fired it but no spark came from it; rug a’ bhèist air Ùisdean agus chuir i gu a ghlùinean e: the beast grabbed Hugh and put him on his knees; tapadh leat airson a cur nam chuimhne: thank you for reminding me of her; na laighe fon bheairt aige, a’ sileadh na fala: lying under his loom, bleeding; seall dhomh na lotan agad: show me your wounds.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ùisdein Mhòir Mhic Ghille Phà draig: this is an example of a complex sloinneadh (name based on ancestry) in the vocative case when he is being addressed. Ùisdean Mòr becomes Ùisdein Mhòir, with the broad vowels being slenderised (as in Ùisdein Mhòir Mhic Ghille Phà draig he vocative ‘a bhalaich!’). Mac Gille Phà draig becomes Mhic Ghille Phà draig. Somebody speaking to their son might say ‘a mhic!’ when addressing him (although this would not be a common form of address).Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha tèid thu òirleach nas fhaide: you won’t go another inch.
Broadcast
- Sun 13 Nov 2022 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.