Buaidh a' Ghà rraidh air Leòdhas sna 80an
Buaidh Gà rradh Àranais air beatha shòisealta is eaconamaidh Eilean Leòdhais aig à irde. The effect of Arnish Fabrication Yard at its height on Lewis, both economically and socially.
Cha robh ach meulaich chaorach ri chluinntinn air Rubha Àranais ann an Leòdhas aig toiseach na 70an. Ach ann an 1974, le gnìomhachasan trom air an tà ladh a dh'Alba air tòir ola a' Chuain a Tuath, thà inig cruth-atharrachadh air Bà gh Ghlumaig. 'S ann an uair sin a thà inig gà rradh-ola Àranais dhan eilean. Airson còrr air còig thar fhichead bliadhna, thug e cosnaidhean, ionnsachadh, agus airgead do na h-eileanan. Bho 2000, chaidh an obair agus an gà rradh na bu shà mhaiche.
Ach le dòchas às ùr gun tig là ithean nas fheà rr do dh'Àranais, anns an t-sreath phrògraman seo tha Aonghas Dòmhnallach air bruidhinn ri na daoine a fhuair buannachd, cosnadh, agus iomadach bliadhna de chuimhneachain prìseil às a' ghà rradh. Tha iad ag innse sgeulachd a' ghà rraidh, agus a' daingneachadh ar tuigse air à ite ann an eachdraidh nan eilean eadar na 70an is na 90an.
Anns an dà rna prògram de thrì, tha Aonghas a' cluinntinn bho fheadhainn a chunnaic a' bhuaidh a thug Àranais air baile Steòrnabhaigh. Aig à m caochlaideach don eaconamaidh sna 80an, bha airgead Àranais a' fà gail gun gabhadh taighean a thogail, cà raichean a cheannach, agus bùithtean a chumail a dol san eilean. B' iad seo cuideachd na là ithean nuair a ghabh companaidh Duidseach smachd air Àranais - Heerema - agus thà inig atharrachadh air a' ghà rradh air sgà th sin.
Ann am facail nan daoine a bha ag obair ann agus a chunnaic na là ithean sin, cluinnidh sinn mun obair throm, chruaidh a bh' anns a' ghà rradh ach cuideachd mu na sgeulachdan, na cà irdeasan, agus na cothroman a thog ceann san eilean Nuair a Thà inig Àranais.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 18 Jul 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Jul 2022 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Jul 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Dec 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Jan 2023 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal