Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fosgladh a' Ghàrraidh

Mar a thàinig a' chompanaidh Fred Olsen a Leòdhas gus Gàrradh Àranais fhosgladh sna 70an. How the company Fred Olsen opened the Arnish Fabrication Yard in Lewis during the 70s.

Cha robh ach meulaich chaorach ri chluinntinn air Rubha Àranais ann an Leòdhas aig toiseach na 70an. Ach ann an 1974, le gnìomhachasan trom air an tàladh a dh'Alba air tòir ola a' Chuain a Tuath, thàinig cruth-atharrachadh air Bàgh Ghlumaig. 'S ann an uairsin a thàinig gàrradh-ola Àranais dhan eilean. Airson còrr air còig thar fhichead bliadhna, thug e cosnaidhean, ionnsachadh, agus airgead do na h-eileanan. Bho 2000, chaidh an obair agus an gàrradh na bu shàmhaiche.

Ach le dòchas às ùr gun tig làithean nas fheàrr do dh'Àranais, anns an t-sreath phrògraman seo tha Aonghas Dòmhnallach air bruidhinn ri na daoine a fhuair buannachd, cosnadh, agus iomadach bliadhna de chuimhneachain prìseil às a' ghàrradh. Tha iad ag innse sgeulachd a' ghàrraidh, agus a' daingneachadh ar tuigse air àite ann an eachdraidh nan eilean eadar na 70an is na 90an.

Anns a' chiad phrògram de thrì, tha sinn a' cluinntinn mu mar a thàinig a' chompanaidh Fred Olsens Earranta a Leòdhas, gus gàrradh-togail fhosgladh. Bha obair gu leòr aig na fir a fhuair cosnadh ann; eadar na balaich a bha gan ùr thrèanaigeadh a dh'aona-ghnothaich airson a' ghàrraidh, agus na Leòdhasaich a thill à gàrraidhean is obraichean air feadh an t-saoghail gus pàirt a ghabhail san iomairt. Nam facail fhèin, cluinnidh sinn mun obair throm, chruaidh a bh' ann - ach cuideachd na sgeulachdan, na càirdeasan, agus na cothroman a thog ceann san eilean Nuair a Thàinig Àranais.

30 minutes

Last on

Wed 21 Dec 2022 15:30

Broadcasts

  • Mon 11 Jul 2022 15:30
  • Wed 13 Jul 2022 20:00
  • Sun 17 Jul 2022 10:00
  • Wed 21 Dec 2022 15:30