Nobhailean is Rosg
Mar a nochd na ciad nobhailean Gà idhlig sa bhaile mhòr, aig toiseach an 20mh linn. How the first Gaelic novels appeared in Glasgow at the beginning of the 20th century.
Aig deireadh an 19mh linn, bha saoghal nan Gà idheal ag atharrachadh gu mòr. Ghluais na mìltean bhon Ghà idhealtachd dhan bhaile mhòr - a' lorg obair, neo a' teicheadh bho uachdarain is bochdainn. Agus mar am baile as motha an Alba, choisinn Glaschu à ite nar measg mar bhaile mòr nan Gà idheal - bà ile na smùid.
Ach anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' rannsachadh mar a bha buaidh aig a' ghluasad sa air cultar nan Gà idheal cuideachd. Oir b' ann bho dheireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn a bha mòran nòsan litreachais ùra a' nochdadh sa Ghà idhlig; eadar nobhailean agus deilbh-chluich, cuspairean agus cruthan dhà in.
Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath tha sinn a' ruighinn nòs litreachais a rà inig clachan-mìle sònraichte sa linn a bha seo: rosg.
Tha an t-Oll Dòmhnall Meek a' mìneachadh mar a bha an 19mh linn air sgrìobhadh sa Ghà idhlig a bhrosnachadh, gu sònraichte a thaobh irisean. Agus bha baile Ghlaschu gu sònraichte aig cridhe foillseachaidh nan irisean sin, fo stiùir luchd-deasachaidh an dà chuid aig irisean a' Chomainn Ghà idhealaich, agus daoine mar Ruairidh Arascainn is Mhà irr. Bha na h-irisean, agus na cothroman foillseachaidh seo, le chèile a' brosnachadh sgrìobhadairean gus nobhailean fheuchainn.
Cluinnidh sinn mun chiad nobhail bhon Dr Sheila Kidd bho Oilthigh Ghlaschu, agus an sgrìobhadair Iain MacCormaig. Chuala sinn ann am prògraman eile san t-sreath mu na rinn e thaobh deilbh-chluich; ach b' ann leis a' chiad nobhail Gà idhlig a sgrìobhadh a choisinn e a chliù a bu mhaireannaiche. Agus tha an Dr Aonghas MacLeòid a' sealltainn dhuinn gu robh measgachadh de chomasan litreachais air à bhaisteachadh am measg Gà idheil Ghlaschu aig toiseach an 20mh linn, le eisimpleir Dhòmhnall Mhic na Ceà rdaich.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 14 Feb 2022 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 14 Feb 2022 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Feb 2022 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal