Deilbh-chluich is Dràma
Mar a nochd deilbh-chluich sa Ghàidhlig ann an Glaschu aig toiseach an 20mh linn. How plays began to appear in Gaelic in Glasgow, at the beginning of the 20th century.
Aig deireadh an 19mh linn, bha saoghal nan Gàidheal ag atharrachadh gu mòr. Ghluais na mìltean bhon Ghàidhealtachd dhan bhaile mhòr - a' lorg obair, neo a' teicheadh bho uachdarain is bochdainn. Agus mar am baile as motha an Alba, choisinn Glaschu àite nar measg mar bhaile mòr nan Gàidheal - bàile na smùid.
Ach anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' rannsachadh mar a bha buaidh aig a' ghluasad sa air cultar nan Gàidheal cuideachd. Oir b' ann bho dheireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn a bha mòran nòsan litreachais ùra a' nochdadh sa Ghàidhlig; eadar nobhailean agus deilbh-chluich, cuspairean agus cruthan dhàin.
Anns an dàrna prògram tha Coinneach a' bruidhinn ri eòlaichean air mar a nochd deilbh-chluich sa Ghàidhlig bhon àm seo. Tha an Dr Sheila Kidd bho Oilthigh Ghlaschu agus an t-Oll Dòmhnall Meek a' mìneachadh nan cothroman foillseachaidh a bha mu choinneamh nan Gàidheal aig toiseach an 20mh linn - agus mar a bha còmhraidhean sgrìobhte nan irisean sna 1800an nan ro-ràdh air dràma.
Tha an Dr Sìm Innes agus an t-Oll Michelle NicLeòid a' toirt dhuinn eisimpleirean air na deilbh-chluich fhèin. Eadar Uilleam Tell, air eadar-theangachadh bhon Ghearmailtis ann an 1893, agus na deilbh chluich ùra bho sgrìobhadairean leithid Iain N MacLeòid, Iain MacCormaig, agus Calum MacPhàrlain. Agus cluinnidh sinn cuideachd mu bhuaidh na h-Èireann, bhon Oll Máire Ní Ánnrachain. Sùil eile air buaidh a' bhaile mhòr air leasachadh litreachais na Gàidhlig o chionn sia fichead bliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Mon 7 Feb 2022 12:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Mon 7 Feb 2022 22:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Feb 2022 13:00鶹 Radio nan Gàidheal