Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachd Mhòr

Tha sgeulachd mhòr bho Dhòmhnall Iain Stiùbhart à Stadhlaigearraidh aig an Dr Iain Seathach. Dr John Shaw selects a folk tale from Donald John Stewart from South Uist.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Bha Uibhist a Deas gu h-àraid beartach a thaobh sgeulachdan, agus bha Dòmhnall Iain Stiùbhart, Dòmhnall Iain Shandaidh 'ic 'ain Aonghais à Stadhlaigearraidh am measg an fheadhainn a b' fheàrr air an innse. Tha an Dr Iain Seathach a' toirt thugainn aon dhiubh a bh' aige, sgeulachd iongantach 'An Greusaiche agus na Robairean' agus te a bh' aig Raghnall, ogha Dhòmhnaill Iain, a bha deich bliadhna a dh' aois nuair a chaidh a chlàradh, air a robh Conall Cròbhaidh.

30 minutes

Last on

Sun 28 Nov 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 25 Nov 2021 12:00
  • Thu 25 Nov 2021 22:00
  • Sun 28 Nov 2021 09:30