Main content
Sorry, this episode is not currently available

Alasdair Boidhd

Am pìobaire 's an seinneadair, Alasdair Boidhd às an Ìochdair. Le Mòrag Nicleòid. Morag Macleod with recordings of piping related songs by Alasdair Boyd from Iochdar, South Uist.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S ann san Òban a chur Alasdair Boidhd às an Ìochdair an Uibhist a Deas seachad a' mhòr-chuid dha bheatha an dèidh dha a bhith na shaighdear sna Camhsronaich sa Chiad Chogadh. A seo tha Mòrag Nicleòid a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba ag innse mu bheatha agus bheir i thugainn cuid de na chlàr e dhan Sgoil.

Tha a sgil mar phìobaire follaiseach san t-seinn aige ann a leithid Fàilte MhicGilleChaluim, Ratharsaigh; Pìobaireachd Dhòmhnaill Dhuibh; Gheibh sibh Ribeanan mòra mòra; Till an Crodh Dhòmhnaill; Caraid agus an Nàmhaid an Uisge-beatha agus Cuiridh 'ad do chas air fad/ Bha mi Raoir am measg òrain eile. Cluinnidh sinn cuideachd aige mu chleachdaidhean pìobaireachd aig tiodhlacaidhean.

30 minutes

Last on

Sun 21 Nov 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 18 Nov 2021 12:00
  • Thu 18 Nov 2021 22:00
  • Sun 21 Nov 2021 09:30