Main content
Sorry, this episode is not currently available

Pàdraig Sheonaidh

Seanchasan a chlàr Pàdraig Stiùbhart, Pàdraig Sheonaidh à Barabhas do Fhionnlagh Macleòid. Stories from the traveller Patrick Stewart as recorded by Dr Finlay Macleod.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e na seanchasan aig fear den luchd-siubhail, Pàdraig Sheonaidh, Pàdraig Stiùbhart a bha a' fuireach am Barabhas a th' aig Fionnlagh Macleòid a seo. Bha iad eòlach air a chèile iomadach bliadhna agus na clàraidhean a rinn e leis a-nis ann a Sgoil Eòlais na h-Alba.

Cluinnidh sinn bhuaithe criomagan de sgeulachdan leithid Boban Saor agus a Mhac, Gille Chochalla Craicinn, An Gairtean Srianach agus Tairgean.

30 minutes

Last on

Sun 3 Oct 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 30 Sep 2021 12:00
  • Thu 30 Sep 2021 22:00
  • Sun 3 Oct 2021 09:30