Main content
Sorry, this episode is not currently available

Radain is Coilich

Seanchasan 's òrain mu radain, mu choilich 's mu ghamhna. Le Jo NicDhòmhnaill. A selection of satirical song and stories about rats, hens and heifers.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e cuspair a chuireas goiriseachadh tro mhòran a th' anns a' mhòr-chuid de na th' aig Jo NicDhòmhnall dhuinn a seo - radain! Bha creideas mòr aig na seann daoine ann a bhith gan aoireadh airson ruaig a chur orra, mar a chluinneas sinn aice ann an òran à Uibhist a Tuath a bh' aig an Urramach Uilleam MacMhathain; ann a fear a rinn Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Beag Mòr a' Bhàird às na Hearadh; ann an òran a rinn Tormod Macleòid, Noraidh Ruaraidh Thormoid à Sgalpaigh do radan a thàinig air tìr san eilean an dèidh dhan bhàta air a robh e a dhol air na creagan a sin agus tha fiù òran aice far a bheil a' radan a' faighinn freagairt.

Tha i an uair sin a' gluasad gu na h-eireagan ann an òran a th' aig Mairead NicAoidh, Mairead Òb an Doill sna Hearadh agus à sin gu na coilich, agus fear an Ìle a bha cho crost' agus gum b' fheudar a chuir gu bàs 's cumha a dhèanamh dha. Chan eil na cearcan a' faighinn às a bharrachd agus òran mun deidhinn-san aig Ceit Dhòmhnaill Mhòir à Ath Tharracaill.

San Ìochdair tha òran aig Ceit NicNeacail, Ceit Phàdraig a rinneadh le Aonghas Currie mu fhear a cheannaich gamhainn aig roup ach ris na thachair a' chùis nuair a dh'fheuch e ri a thoirt dhachaigh agus tha fear eile mu dhroch ghamhainn a rinn Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran air aithris le Iain Macleòid, Iain Ruaraidh Chaluim Bhàin à Gleanndail san Eilean Sgitheanach. Agus airson crìochnachadh tha Ùisdean MacMhathain a' gabhail Òran an Tairbh.

30 minutes

Last on

Sun 26 Sep 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 23 Sep 2021 12:00
  • Thu 23 Sep 2021 22:00
  • Sun 26 Sep 2021 09:30