An Leòmhann an Tìr nan Òg
Mà iri Anna NicUalraig le ceangal Ceilteach An Leòmhann, A’ Bhuidseach ’s am Preas-Aodaich. Mary Ann Kennedy explores the Celtic connections of The Lion, The Witch and The Wardrobe.
Air tilleadh anns a’ Ghlasadh-sluaigh do leabhar a bha dlùth dha cridhe na h-òige, rinn an sgrìobhaiche ciùil is bà rdachd Mà iri Anna NicUalraig eadar-theangachadh den chlasaig chloinne, ‘An Leòmhann, A’ Bhuidseach agus Am Preas-Aodaich’, ag obair le a mà thair aig astar air tionndadh Gà idhlig dhen sgeulachd ainmeil a tha 70 bliadhna foillsichte ann an 2020. Ann an saoghal à raid de dh’fhèin-aonranachd, galair, call is mi-chinnt, bha Mà iri Anna air a tarraing air ais do bheatha an ùghdair, CS Lewis, le tuigse às ùr air eachdraidh Èireannaich gu chùl, a chaill a mhà thair glè òg agus a chaidh a thogail le uirsgeulan mìorbhaileach na Fèinne, a tha cuideachd mar bhunaid cuid de dh’òrain mòra Gà idhlig na h-Alba leis an deach a togail.
Tha ‘An Leòmhann an Tìr nan Òg’ gar toirt a-steach a shaoghal eile air falbh bho chruadalachd a’ bheatha là itheil, dìreach mar a rinn leabhraichean Narnia do chlann òga a bha air an glacadh anns an Dà rna Cogadh nuair a dh’fhoillsicheadh an toiseach iad, agus do Lewis a bha a’ sìor choimhead air ais a dh’Èirinn agus òige fhèin. Ged a bha ainm aige mar sgrìobhaiche Sasannach le oideachadh sgoile is oilthighe Shasannaich dha-rèir, b’ e Èireannach a bha ann gu là a bhà is – a thogadh ann an dùthaich fhathast aonaichte, air a chuartachadh le tìr is ìomhaighean a nochd uair is uair anns na h-uirsgeulan aige fhèin, agus a chuala sgeulachdan mòra nan Ceilteach bho bhilean a bhanaltraim am Beul Feirst’. Is beag an t-ioghnadh ged a bhiodh Èirinn agus na ciad bliadhnaichean dhe bheatha a’ comharrachadh cofhurtachd, comraich is cà irdeas dhà .
70 bliadhna air adhart agus tha uirsgeulan Narnia a’ frithealadh ghinealaichean ùra de dh’inbhich is òigridh a’ sireadh coibhneis is cinnt ann an saoghal chaochlaideach. Leanaidh ‘An Leòmhann an Tìr nan Òg’ eachdraidh an sgrìobhaiche agus nan leabhar; mar a tha sgeulachdan nam meadhan air tuigse is smachd fhaighinn air cuspairean mòra an t-saoghail; agus mar a tha macmeanmna comasach air faochadh is leigheas a thoirt do dh’anam sà raichte. Bheir Mà iri Anna cuideachd sùil air na ceangalan le sgeulachdan na Fèinne, air na h-òrain a dh’ionnsaich ise bhon eachdraidh seo, agus air a’ bhuaidh a bha aig an dualchas seo air sgrìobhadh Lewis.
Tha ‘An Leòmhann’ air a lìbhrigeadh le Mà iri Anna NicUalraig, le ceòl ùr-nodha cruthaichte le Mà iri Anna agus Nick Turner a dh’aona ghnothaich dhan phrògram, agus le compà irteachas bhon sgrìobhaiche is diadhair Èireannach, Pádraig Ó Tuama, am measg eile.
Tha ‘An Leòmhann an Tìr nan Ã’g’ air a dhèanamh le Watercolour Music à s leth Â鶹Éç Radio nan Gà idheal, le taic maoineachaidh bho MG ALBA.
Last on
Broadcasts
- Fri 2 Apr 2021 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Apr 2021 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jan 2022 14:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal