Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1128

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1128. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 3 Mar 2021 23:00

Clip

Litir 1128: Ùisdean Mac a' Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun ath-sgrùdadh a thathar a’ dèanamh air na beachdan aig Ùisdean Mac a’ Mhuilleir à Cromba air cinnidhean. Tha Mac a’ Mhuilleir air a bhith cliùmhor mar sgoilear – agus mar sgrìobhadair. Ach an robh e saor bho na beachdan gràineil a bha cho bitheanta am measg dhaoine geala ri a linn? Gu mì-fhortanach, cha robh.

Thug Mac a’ Mhuilleir òraid seachad ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a còig (1855). Bha sin naoi bliadhna an dèidh turas Frederick Douglass a dh’Alba, agus ochd bliadhna mus toireadh Àbraham Lincoln saorsa do thràillean anns na Stàitean Aonaichte. Bha Mac a’ Mhuilleir a’ bruidhinn ri muinntir Institiud Feallsanachail Dhùn Èideann. Chaidh an òraid fhoillseachadh anns an leabhar aige Testimony of the Rocks a nochd ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a seachd (1857). Bha sin beagan mhìosan an dèidh bàs an ùghdair.

Bha Mac a’ Mhuilleir na sgoilear air leth dhen chuspair as motha air an robh e eòlach – creag-eòlas. Nuair a thigeadh e gu antrap-eòlas, ge-tà, bha a chasan ann am boglach seach air creag.

Anns an òraid, thuirt e gun do dh’èirich an cinne-daonna faisg air na beanntan Cabhcasach. Carson a bha am beachd sin aige? Uill, bha na seann shìobhaltachdan – Ninebheh, Bàbilon, an Èiphit ʼs a leithid sin – timcheall a’ cheàrnaidh sin. Ach, gu h-annasach, bha Mac a’ Mhuilleir dhen bheachd gun robh e air a dhearbhadh leis cho ‘eireachdail’ ʼs a bha na daoine anns na sgìrean sin. Cha b’ e sin a’ chiad turas a chualas mu ‘Caucasian Man’ – agus mar a b’ e sin an seòrsa as ‘foirfe’ am measg a’ chinne-daonna. Obh obh. Saoil dè bha Ùisdean air a ràdh nan robh e beò nuair a thàinig fianais nam fosailean am bàrr – gun do dh’èirich an cinne-daonna ann an Afraga?!

Thuirt Mac a’ Mhuilleir an uair sin rudan fìor annasach. Ga rèir, bhuineadh Adhamh agus Eubha don chinneadh Chabhcasach mar a bhuineadh ÃŒosa Crìosda fhèin. Agus ann am meadhan an naoidheamh linn deug, càite am faicte daoine Cabhcasach gun samhail? Seadh, ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte! Tha a h-uile duine ag aontachadh, sgrìobh an t-ùghdar, nach eil àite sam bith anns an Roinn Eòrpa far am faicte uiread de dhaoine Cabhcasach dhen t-seòrsa thùsail na ³¦³óìte am measg uaislean Shasainn, gu h-àraidh na boireannaich. Seadh, sin beachd aig fear à Gàidhealtachd na h-Alba!

Tha e doirbh aithris a dhèanamh air a’ chòrr dhen òraid, feumaidh mi ràdh. Tha i làn gràin-chinnidh. Tha i aineolach. Tha i sgreamhail. Tha am fiosrachadh aig an ùghdar stèidhichte air sgrìobhaidhean aig feadhainn eile – daoine geala a thug beachd air na ‘degraded races’. Dè cho tric ʼs a choinnich Mac a’ Mhuilleir fhèin ri daoine dùthchasach à mòr-thìrean eile?

Anns an t-Saoghal Ùr, sgrìobh Mac a’ Mhuilleir, bha daoine Cabhcasach a’ dearbhadh an ceannais nàdarraich aca thairis air na cinnidhean ‘suarach’. Tha e math nach do lorg na Nadsaidhean an òraid seo, oir bha iad air Mac a’ Mhuilleir a chur air adhart mar ghaisgeach dhaibh. Airson ‘Cabhcasach’, smaoinichibh ‘Arianach’.Ìý

Cha robh Mac a’ Mhuilleir leis fhèin. Bha beachdan gràineil mar seo aig gu leòr ri a linn. Ach chan e leisgeul a tha sin. Bha e na ghràin-chinnidheach. Dhòmhsa, chan eil a chliù cho gleansach a-nise ʼs a b’ àbhaist.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Ùisdean Mac a’ Mhuilleir: Hugh Miller; à Cromba: from Cromarty; cliùmhor: renowned; Institiud Feallsanachail Dhùn Èideann: the Edinburgh Philosophical Institution; creag-eòlas: geology; eireachdail: handsome; foirfe: perfect; obh obh: oh dear; Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte: the UK Parliament; gràin-chinnidh: racism, racial hatred; aineolach: ignorant; sgreamhail: sickening; gleansach: glossy, shiny.Ìý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: saor bho na beachdan gràineil a bha cho bitheanta am measg dhaoine geala ri a linn: free from the hateful opinions that were so common amongst white people in his day; mus toireadh X saorsa do thràillean anns na Stàitean Aonaichte: before X would grant freedom to slaves in the United States; beagan mhìosan an dèidh a bhàis: a few months after his death; nuair a thigeadh e gu antrap-eòlas, bha a chasan ann am boglach seach air creag: when it came to anthropology, his feet were in a bog rather than on rock; gun do dh’èirich an cinne-daonna faisg air na beanntan Cabhcasach: that the human species arose near the Caucasus mountains; bha na seann shìobhaltachdan – Ninebheh, Bàbilon, an Èiphit ʼs a leithid sin – timcheall a’ cheàrnaidh sin: the ancient civilizations – Nineveh, Babylon, Egypt and the like – were around that region; saoil dè bha Ùisdean air a ràdh nan robh e beò nuair a thàinig fianais nam fosailean am bàrr: what would Hugh have said if he had been alive when the evidence of the fossils appeared; gun do dh’èirich an cinne-daonna ann an Afraga: that humans first appeared in Africa; ga rèir, bhuineadh Adhamh agus Eubha don chinneadh Cabhcasach: according to him, Adam and Eve belonged to the Caucasian people; daoine dùthchasach à mòr-thìrean eile: native people from other continents; a’ dearbhadh an ceannais nàdarraich aca: proving their natural superiority; nach do lorg na Nadsaidhean an òraid seo: that the Nazis didn’t find that lecture; airson ‘Cabhcasach’, smaoinichibh ‘Arianach’: for ‘Caucasian’, think ‘Aryan’; bha e na ghràin-chinnidheach: he was a racist.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: càite am faicte daoine Cabhcasach gun samhail?: where could exemplary Caucasian people be seen? Faicte is an example of a passive conditional form of the verb faic ‘see’. It means ‘would be seen’. However, in the case of the verb faic it can also mean ‘could be seen’. [Think of ³¦³óì which means both ‘will see’ and ‘can see’]. Further on in the same paragraph I say na ³¦³óìte am measg uaislean Shasainn, gu h-àraidh na boireannaich ‘which would/could be seen among the aristocracy of England, especially the women’. Chìte means ‘would be seen’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan e leisgeul a tha sin: that’s not an excuse.

Broadcasts

  • Sun 28 Feb 2021 22:30
  • Wed 3 Mar 2021 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast