Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1127
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1127. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 24 Feb 2021
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 823
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1127
Duration: 05:00
Litir 1127: Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô Mac a' Mhuilleir agus Grà in-chinnidh (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun turas aig Frederick Douglass a dh’Alba ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1846). Trì bliadhna roimhe sin, bha an Eaglais Shaor air a cruthachadh. Bha an Eaglais ann an staing a thaobh airgead – airson ministearan a phà igheadh, airson eaglaisean a thogail is mar sin air adhart. Chuir iad teachdairean a-null do na Stà itean Aonaichte airson airgead fhaighinn bho choitheanalan Clèireach an sin. Ge-tà , thà inig mòran dhen airgead a fhuair iad bho dhaoine a bha a’ cumail thrà illean.
Bha Frederick Douglass aig ceann iomairt airson an t-airgead a chur air ais do na Stà itean Aonaichte. Dh’fhàs an iomairt gu math mòr – agus guineach. Bha òrain air an sgrìobhadh agus air am foillseachadh ann am pamflaidean. Seo rann à fear dhiubh:
Send back the money, ʼtis dark polluted gold,ʼTwas wrung from human flesh and bones by agonies untold:There’s not a mite in all the sum but what is stained with blood,There’s not a mite in all the sum but what is cursed of God...
Seo far a bheil an sgrìobhadair, creag-eòlaiche, clachair is Crìosdaidh ainmeil – Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô Mac a’ Mhuilleir – a’ nochdadh nar sgeul. Ged a bhuineadh e do Chromba ann an Ros an Ear, bha Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann airson beagan bhliadhnaichean. Bha e na dheasaiche air a’ phà ipear-naidheachd, am Witness. Bha am Witness a’ riochdachadh bheachdan soisgeulach anns an Eaglais.Ìý
Nuair a chaidh an Eaglais Shaor a chur air chois, b’ e a Modarà tor an t-Urramach Tòmas Chalmers. Bha Chalmers gu math cliùmhor air feadh na rìoghachd. Bha e fhèin is Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô Mac a’ Mhuilleir mòr aig a chèile, agus bhiodh Chalmers a’ cur a bheachdan an cèill air duilleagan a’ Witness.
Sgrìobh Chalmers gun robh e an aghaidh trà illeachd, ach bha e airson diofar a chomharrachadh eadar trà illeachd fhèin – a bha olc – agus na daoine leis an robh trà illean – uaireannan nach robh olc. Bha cuid a’ dèanamh sgaradh cuideachd eadar feadhainn a cheannaich trà illean agus feadhainn a cheannaich oighreachd air an robh trà illean mu-thrà th. Cha do ghabh Frederick Douglass ris na beachdan sin a-muigh no mach. Ann an Ameireagaidh, thuirt e – gu connspaideach – tha am Bìoball agus luchd-seilbh thrà illean an altaibh a chèile ... am fear a chleachdas a’ chuip tron t-seachdain, bidh e na sheasamh sa chùbaid air an t-Sà baid.
Sgrìobh Mac a’ Mhuilleir colbhan-beachd a bha a’ dìon na h-Eaglaise. Sgrìobh e gun robh an iomairt ‘Send the Money Back’ air a bhith ro phearsanta mu cheannardan na h-Eaglaise Saoire agus gun robhar ag iarraidh ìre de ghlainead mhoralta a bha mì-reusanta. Bha deasbad mun airgead taobh a-staigh na h-Eaglaise cuideachd, ach chaidh an latha leis an Urramach Chalmers agus a chà irdean aig an Àrd-sheanadh. Cha deach an t-airgead a thoirt air ais.
Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh Frederick Douglass soirbheachail. Thug e trà illeachd gu aire muinntir na dùthcha.Ìý
Ach dè mu dheidhinn cliù Ù¾±²õ»å±ð¾±²Ô Mhic a’ Mhuilleir fhèin? Chan e a-mhà in gun robh e an aghaidh na h-iomairt ‘Send the Money Back’ airson an t-airgead a chur air ais, ach sgrìobh e cuideachd beachdan guineach mu bhoireannaich a bha a’ sireadh chòraichean dhaibh fhèin. Tha daoine air a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air na sgrìobhaidhean aige ann an co-theacsa na h-iomairt ‘Black Lives Matter’. An robh e ri grà in-chinnidh? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: guineach: venomous; creag-eòlaiche: geologist; clachair: mason; Crìosdaidh: Christian; Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô Mac a’ Mhuilleir: Hugh Miller; Dùn Èideann: Edinburgh; soisgeulach: evangelical.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Trì bliadhna roimhe sin, bha an Eaglais Shaor air a cruthachadh: three years before that, the Free Church was created; ann an staing: in difficulty; chuir iad teachdairean a-null do na Stà itean Aonaichte airson airgead fhaighinn bho choitheanalan Clèireach: they sent messengers over to the United States to get money from Presbyterian congregations; aig ceann iomairt: at the head of a campaign; bha e na dheasaiche air a’ phà ipear-naidheachd: he was the editor of the newspaper; b’ e a Modarà tor an t-Urramach Tòmas Chalmers: its Moderator was the Rev. Thomas Chalmers; bha X gu math cliùmhor air feadh na rìoghachd: X was renowned throughout the country; bhiodh X a’ cur a bheachdan an cèill: X would declare his opinions; cha do ghabh X ris na beachdan sin a-muigh no mach: X did not accept those opinions in any shape or form; am fear a chleachdas a’ chuip tron t-seachdain, bidh e na sheasamh sa chùbaid air an t-Sà baid: the man who employs the whip during the week, he stands in the pulpit on Sunday; ro phearsanta mu cheannardan na h-Eaglaise Saoire: too personal about the leaders of the Free Church; gun robhar ag iarraidh ìre de ghlainead mhoralta a bha mì-reusanta: that an unreasonable level of moral purity was being required; chaidh an latha le X aig an Àrd-sheanadh: X won the day at the General Assembly; thug e trà illeachd gu aire muinntir na dùthcha: he brought slavery to the attention of the country’s people; beachdan guineach mu bhoireannaich a bha a’ sireadh chòraichean dhaibh fhèin: stinging opinions about women who were seeking rights for themselves; ath-sgrùdadh air na sgrìobhaidhean aige ann an co-theacsa na h-iomairt: a reanalysis of his writings in the context of the campaign; an robh e ri grà in-chinnidh?: was he a racist?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dè mu dheidhinn cliù Ù¾±²õ»å±ð¾±²Ô Mhic a’ Mhuilleir ´Ú³óè¾±²Ô?: what about Hugh Miller’s own reputation? When you have a name of a person, both given name and surname, all in the genitive case, both elements are traditionally inflected for the genitive. Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô becomes Ù¾±²õ»å±ð¾±²Ô and Mac a’ Mhuilleir becomes Mhic a’ Mhuilleir [although note that this is not so strictly adhered to today]. Mart Raibeirt Mhic Coinnich ‘Robert MacKenzie’s cow’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: an altaibh a chèile: intertwined with each other.
Broadcasts
- Sun 21 Feb 2021 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Feb 2021 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.