Banaltramachd aig muir
Mà iri NicDhòmhnaill a bha na banaltram air an QE2 agus an Queen Mary. Mary Macdonald tells of her life as a nurse on board the QE2 and the Queen Mary in the 1960s and 70s.
‘S beag a dh’fhor a bh’ aig Mà iri NicDhòmhnaill agus i air ais ‘s air adhart tarsainn a' Chuain Sgìth air a’ Lochmòr na h-òige, gun cuireadh i seachad bliadhnachan dha beatha obrach fhèin air bà taichean tòrr nas motha, a’ seòladh air cuantan mòran nas fharsainge agus gu faiceadh i iomadh ceà rnaidh agus annas air feadh an t-saoghail.
‘S ann às an Eilean Sgiathanach a bha Mà iri. B' e tè de chlann ‘ic Phà il à Loch Eùphort ann an Uibhist a Tuath a bha na mà thair, Mà iri Anna. ‘ S ann à Port nan Long anns an Eilean a bha h-athair, Calum, mac Aonghais Chaluim an Èipihitich a bha, coltach ri gu leòr eile aig an à m, air tighinn a-nall às na Hearadh ann a 1924 nuair a chaidh fearann a thabhainn dhaibh ann am Port nan Long.
Bha ceathrar chloinne aig Calum is Mà iri Anna - Mà iri, cà raid nighean ,Nan agus Mabel, agus aon ghille Aonghas. Bha Calum fhèin aig muir, bha e greis mhath na sgiobair air an 'Torlundy' , a' gheat aig an fhear-gnothach beartach, Iòsaph Hobbs, a bha air caisteal agus oighreachd Inbhir Lòchaidh a cheannach ann a 1944. Bha dachaigh an teaghlaich anns an Àth Leathann ach bha iad eòlach gu leòr air a bhith a-null ‘s a-nall à Uibhist a’ tadhal air cuideachd am mà thair ann a Loch Eùphort.
Cha robh e na annas ma tha gu robh taobh aig a h-uile duine aca ris a' mhuir ach nuair a dh' innis Mà iri dha h-athair na bha na beachd, thug e comhairle dhith. Sin a dh’fhà g i togal oirre a Ghlaschu aig aois 18 airosn trèanadh bhith na banaltram.
A seo tha i ag innse do Mhairead NicIllFhinnein ann a 1989 mar a chaidh i gu muir, a' seòladh air soithichean leithid an QE2 agus an Queen Mary air ais 's air adhart à New York le iomadach duine ainmeil air bòrd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 17 Dec 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 17 Dec 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Dec 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal