Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taigh-solais nan Eilean Flannach

Sgeulachd taigh-solais nan Eilean Flannach le K D Mac a' Ghobhainn. K D Smith recounts the mystery of the loss of three keepers at the Flannan Isles Lighthouse in 1900.

B' ann air oidhche 15mh den Dùbhlachd 1900 a mhothaich am bàta-bathar an Archtor, a bha air a slighe eadar Philadelphia agus Breatann, nach robh solas taigh-solais nan Eilean Flannach, a bh' air a chrìochnachadh bliadhna ron a sin, thuige. Bha fear ann an Ùige Leòdhais, Ruaraidh MacChoinnich, a bh' air a phàigheadh airson sùil a chumail air an taigh-solais, e fhèin a' fàs iomaganach le mar nach robh e air solas fhaicinn ach aon oidhche bhon 7mh den mhìos. Bha triùir luchd-faire - Tòmas Marshall, Seumas Ducat agus Dòmhnall Macartair - air an eilean. Ach dè a bh' air tachairt?

A seo tha an craoladair Kenny Dan Mac a' Ghobhainn, nach maireann, ag innse do Fhlòraidh NicIllEathain mun rannsachadh a bha e fhèin air a dhèanamh air na thachair.

30 minutes

Last on

Sun 13 Dec 2020 09:30

Broadcasts

  • Thu 10 Dec 2020 12:00
  • Thu 10 Dec 2020 22:00
  • Sun 13 Dec 2020 09:30