Mgr Cailean aig leth-cheud bliadhna na shagart
An sgeulachd aig Mgr Cailean MacAonghais a tha air a bhith leth-cheud bliadhna na shagart. Fr Colin MacInnes looks back at his 50 years in the priesthood.
Samhradh 1970 agus tha Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban loma-là n, agus grunn mhath de mhuinntir Uibhist nam measg, 's iad air a thighinn gu tachartas sònraichte far an robh dithis bhalach à ceann a deas Uibhist a’ gabhail bòidean crìochnachaidh na sagartachd. B’ iad Mgr Cailean MacAonghais agus Mgr Iain Aonghas Dòmhnallach, nach maireann, a ghabh na bòidean aca còmhla a’ là bha siud san Iuchar bho chionn leth-cheud bliadhna.
Tha Mgr Cailean, a shiubhail an saoghal bhon a dh’fhà g e Barraigh ann an 1985, 's a chuir còrr air deich bliadhna fichead seachad a’ frithealadh paraistean ann an Ecuador, an-diugh air tilleadh a dh’ Uibhist. Chomharraich e na leth-cheud bliadhna na shagart ann an 2020 nuair a bha e na shagart air paraiste Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla, le cruinneachadh gu math beag ann an taigh an t-sagairt, còmhla ri dà shagart eile san sgìre.
Thuige seo tha sinn air cluinntinn mar a cho-dhùin e a dhol a-staigh airson na sagartachd, an trèanadh, a’ gabhail na bòidean crìochnachaidh aige agus a’ faighinn blas air obair paraiste. A seo cluinnidh sinn mu na bliadhnaichean aige na shagart paraiste bho mhachraichean Uibhist is Bharraigh gu cabhsairean cruaidh Ecuador. Tha e cuideachd a' toirt dhuinn taghadh de laoidhean is òrain spioradail air a bheil e fhèin dèidheil.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 3 Aug 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 3 Aug 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Aug 2020 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Dec 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Dec 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jan 2022 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal