Maighstir Cailean MacAonghais
1/2 Mgr Cailean MacAonghais a’ toirt sùil air ais air leth-cheud bliadhna na shagart tro laoidhean is ùrnaighean. Fr Colin MacInnes looks back at his 50 years in the priesthood.
Samhradh 1970 agus tha Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban loma-là n, agus grunn mhath de mhuinntir Uibhist nam measg, 's iad air a thighinn gu tachartas sònraichte far an robh dithis bhalach à ceann a deas Uibhist a’ gabhail bòidean crìochnachaidh na sagartachd. B’ iad Mgr Cailean MacAonghais agus Mgr Iain Aonghas Dòmhnallach, nach maireann, a ghabh na bòidean aca còmhla a’ là bha siud san Iuchar bho chionn leth-cheud bliadhna.
Tha Mgr Cailean, a shiubhail an saoghal bhon a dh’fhà g e Barraigh ann an 1985, 's a chuir còrr air deich bliadhna fichead seachad a’ frithealadh paraistean ann an Ecuador, an-diugh air tilleadh a dh’ Uibhist. Chomharraich e na leth-cheud bliadhna na shagart ann an 2020 nuair a bha e na shagart air paraiste Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla, le cruinneachadh gu math beag ann an taigh an t-sagairt, còmhla ri dà shagart eile san sgìre.
Anns a’ phrògram seo cluinnidh sinn bho Mhgr Cailean air mar a cho-dhùin e an t-slighe a ghabhail chun na sagartachd na bhalach òg an Uibhist agus mu na bliadhnaichean a bha e ag ionnsachadh ann an Obar Dheathain agus anns an Spà inn. Tha e cuideachd a' toirt dhuinn taghadh de laoidhean, òrain spioradail agus ùrnaighean air a bheil e fhèin gu math dèidheil.
Last on
Broadcasts
- Mon 27 Jul 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Jul 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Aug 2020 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 20 Dec 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 20 Dec 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2021 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal