An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, ministear Eaglais Paraiste Ghearrbhraghad ann an Glaschu. Service with Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Parish Church, Glasgow
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Salm 40 air a’ sheinn le Còisir Bhaile Ghobhainn.
Amy NicAmhlaigh a’ seinn O Thig a-nuas a Spioraid Naoimh
Kathleen Ghreumach a’ seinn Soills’ air mo Smuain
Psalm 72: 18-19 air fonn Stornoway agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughaidhean: Leabhar nan Àireamhan 11: 24-30
Soisgeul Eòin 20: 19-23
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e.
Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson 7 bliadhna agus às dèidh sin, fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995.
Tha e an-diugh na mhinistear air paraiste Ghearrbhraghad ann an sgìre Chnoc Mà iri an Glaschu.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies', sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, 'dìreach mar Fiollagan'. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy. Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Broadcasts
- Sun 31 May 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 May 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal