An t-Urr Donaidh MacSuain
Còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba ann am Baile Eòghainnn. Gaelic religious service with Rev Donald MacSween, minster Evanton Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 09: 9-10 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seirbheis le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Salm 85: 9-10 air fonn St David agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seirbheis le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 72: 17-18 air fonn Montrose agus ‘s e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas
Leughadh: Isaiah 26
Ceann-teagaisg: Isaiah 26:3
Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 thòisich e ag obair là n-ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbahidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson sia bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin. Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-à raidh ceòl soisgeulach, Gà idhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CD- agus DVDan a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gà idhealach. Tha a' Ghà idhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cà nan agus an ceòl a bhrosnachadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 24 May 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 May 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Aug 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Aug 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal