Fearchar Siosalach à Cinn Tàile
Làithean òige Fhearchair Siosalach à Cinn Tàile sa sgìre agus eachdraidh annasach na chois. Farquhar Chisholm's early life in Kintail and some of the area's curious history.
Nochd Iain Fearchar Rothach à Loch Aillse ann a studio a' BhBC ann am Port Rìgh aon là, a dh’ aona gnothaich airson innse do Chailean MacIllEathain mu fhear a bha fuireach sa nàbachd aige a bha, ann am briathran Iain Fhearchair fhèin, “da-rìrih math” agus e a’ còmhairleachadh dha a dhol a chèilidh air leis an uidheam clàraidh.
Mar a thachair, thadhail Cailean air Fearchar Siosalach à Cinn t-Sàile iomadach turas leis an uidheam agus gu dearbha bha e “da-rìridh math"; math air sgeulachdan agus seanchas às a' cheàrnaidh aige fhèin innse, gun luaidh air an stòras òrain agus bàrdachd a bh’ aige.
Air fear dhen na tursan a bha Cailean air chèilidh air 's e a làithean òige ann a sgìre Chinn t-Sàile a bha fainear dha. A thilleadh air a sin bha seanchas na dhà air leth annasach aige dha cuideachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 30 Apr 2020 12:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Thu 30 Apr 2020 22:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 3 May 2020 09:30鶹 Radio nan Gàidheal