Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair, Eaglais na h-Alba. Gaelic service with Rev Norman MacIver, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm62: 7-8 air fonn Coleshill agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Salm 31: 23-24 air fonn Montrose agus ‘s e an Dòmhnall Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.

Leughadh: 2 Timòteus 1: 1-12
Ceann-teagaisg: 2 Timòteus 1: 9

'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu thàinig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.

Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig àrd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.

Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath. Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin son còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.

30 minutes

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair

Broadcasts

  • Sun 23 Feb 2020 09:00
  • Sun 23 Feb 2020 15:00