An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Service with Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Ann an Dèanamaid Adhradh cluinnidh sibh na sailm is na laoidhean a leanas:
Salm 40 - 'Dh’fheith mi le Foighid Mhaith ri Dia' le Còisir Bhaile Ghobhainn
'Sibhs' tha mach à Crìosd' le Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu
'S e sud an Teà rnadh Mìorbhaileach le Donaidh M MacLeòid
Salm 108 – Cliar le taic bho na Còisirean
Leughadh: Sephaniah 1: 1-18
Ceann-teagaisg: Sephaniah 1
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e.
Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson 7 bliadhna agus às dèidh sin, fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995.
Tha e an-diugh na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies', sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, 'dìreach mar Fiollagan'. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy. Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Broadcasts
- Sun 16 Feb 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Feb 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal