Seanchasan à Tolastadh a' Chaolais a Leòdhas
Còmhraidhean mu chleasan chloinne an Tolastadh a' Chaolais 's mu ainmean-à ite a' bhaile. Conversations on childhood games in the village of Tolsta Chaolais and on its place names.
Nuair a smaoineachas sinn air a liuthad dèideag Nollaig a chaidh a thoirt seachad an t-seachdain a chaidh, tha e duilich dhuinn gabhail a-steach gur e annas a bh’ ann dha na ginealaich romhainn ubhal neo orainnsear fhaighinn - gun luaidh air dèideag. Ach chan eil sin ag rà dh nach robh geamannan agus cur-seachad aca.
Nuair a bha Pà draig Macleòid, Peter Ruaraidh à Tolstadh a’ Chaolais na bhalach òg às dèidh a’ Chogaidh Mhòir, cha robh mòran idir aig clann ach a mac-meanmna airson rud leis an cluicheadh iad. Ann a 1989 chaidh Ailean Caimbeul a cheilidh air Pà draig agus e airson faighinn a-mach mu na geamannan ‘s an cur-seachad a bhiodh aig òigridh a’ bhaile na èirigh suas. Fhuair e mach mu Chluiche nam Putannan agus mu Chleas a' Chaorain am measg gheamannan eile.
Bhiodh fear eile de mhuinntir a' bhaile, Tormod Macleòid, Tormod 'an Greusaich tric san taigh-cheilidh ag èisteachd agus a’ sùghadh an eachdraidh a bhiodh e a’ cluinntinn a sin. Am measg na chual' e, bha eachdraidh air ainmean-à ite sa bhaile leithid Leac Pronnadh nan Cnà mh, Leathad na Mairbh agus an Talamh Tholl mar a dh'innis e do dh'Annella Nicleòid.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Jan 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Jan 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal