Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mac an t-Srònaich

Sgeulachdan mu Mhac an t-Srònaich bho Choinneach Iain Mac a' Ghobhainn. Stories surrounding the infamous Lewis outlaw Mac an t-Srònaich from Kenny John Smith.

'S ann air fear a bha agus a tha fhathast gu mòr air bilean an t-sluaigh ann an Leòdhas a tha Flòraidh NicIlleEathain a' beachdachadh an-diugh. B’ esan Mac an t-Srònaich, fear a rinn mòran sgrios is milleadh is murt a rèir nan sgeulachd. Ag innse na sgeulachdan tha Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn a bhuineadh do bhaile Iarsiadar ann an Leòdhas, duine aig an robh fìor eòlas is ùidh ann an eachdraidh is beul-aithris, agus bha e gu seachd h-àraid fiosrachail mu eilean àraich.

Shuidh iad air Cnoc an t-Sìthein Mhòir air iomall baile Iarsiadar, beanntan Uig air fàire, agus thòisich na sgeulachdan. Mar a bhios fios aig cuid agaibh tha iomadh sgeulachd air nochdadh thar nam bliadhnaichean mu dheidhinn Mac an t-Srònaich ach tha cunntas Choinnich Iain ag innse dhuinn nach ann a-mhàin ann an Leòdhas a bha e falbhan ach san Eilean Sgitheanach, anns na Hearadh, Gairbh agus Inbhir Nis.

30 minutes

Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn

Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn

Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn a’ bruidhinn ri triùir bhoireannach

Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn a’ bruidhinn ri triùir bhoireannach
Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn a’ bruidhinn ri triùir bhoireannach ann am fianais Drochaid Bheàrnaraigh.

Broadcasts

  • Thu 9 Jan 2020 12:00
  • Thu 9 Jan 2020 22:00
  • Sun 12 Jan 2020 09:30