Donnchadh MacIain à Barraigh is Glaschu
Sgeulachd a' phìobaire Donnchadh MacIain à Barraigh is Glaschu. Jo MacDonald profiles the piper Duncan Johnstone from Barra and Glasgow.
Ged a b’ ann an Glaschu a chuir Donnchadh MacIain a' mhòr-chuid de bheatha seachad, chanadh e fhèin gur e Barrach a bh’ ann. B’ ann à Barraigh a bha a mhà thair agus b’ e Badhlach a bha na athair.
Aig aois naoi bliadhna fhuair e a’ chiad leasan pìobaireachd, an toiseach bho athar agus an uairsin bho Aonghas Caimbeul à Baile Chaolais, a bha na phoileas an Glaschu. Bha liut aige airson pìobaireachd a mhair fad a bheatha.
Às dèidh dha an sgoil fhà gail thug a-mach a cheà rd mar shaor ach dh’adhbharaich an cogadh briseadh san trèanadh. Aon uair ’s gu robh e an aois, chaidh e dhan Chabhlach Rìoghail is rinn e a sheirbheis air bà ta a bha a’ sguabadh a’ Chuain Mheadhan-Thìreach airson mèinnean. An dèidh a’ chogaidh thill e dhachaigh 's thug e mach a cheà rd sna gà rraidhean-iarainn; an ceann ùine bha e na mhaor-obrach aig a’ Chlan Line agus Gà rradh Stephens.
Bha e am measg nam pìobairean a b’ fheà rr de ghinealach, ged nach robh mòran ùidh aige ann a bhith a’ farpais. Bha e gu h-à raidh aithnichte airson cho math 's a bha e air a bhith a’ cluich ruidhlichean. Chluicheadh e agus chruthaich e puirt de gach seòrsa ge-ta. Am measg nam port a rinn e agus a tha fhathast air an cluich an-diugh, tha The Streaker, Lament For Alan My Son agus Farewell to Nigg. Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri luchd-eòlais Dhonnchaidh airson dealbh fhaighinn den duine agus air a chuid chiùil.
Last on
Clip
-
±Êì´Ç²ú²¹¾±°ù±ð²¹²Ô
Duration: 03:12
Aonghas 'Shandaidh' MacNèill agus Jo NicDhòmhnaill
Broadcasts
- Tue 8 Oct 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 8 Oct 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Oct 2019 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 17 Feb 2022 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 17 Feb 2022 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Feb 2022 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal