Pà draig R MacLeòid à Ùig an Leòdhas
Sgeulachd a' phìobaire Pà draig R. MacLeòid à Ùig an Leòdhas. Jo MacDonald profiles the piper Peter R MacLeod of Lewis.
Chruthaich Pà draig R. MacLeòid cuid de na puirt pìoba as aithnichte agus as ceòlmhor den 20mh linn. Ged a b’ ann à Ùig a bha e, chuir e a mhòr chuid de bheatha seachad ann an Glaschu, far an robh e ag obair anns na gà rraidhean-iarainn.
Chunnaic e seirbheis an iomadh à ite ri linn a’ Chogaidh Mhòir, anns an Èipheit, san Àrd an Ear agus an aghaidh nan Turcach ann an Gallipoli. An dèidh dha tilleadh a Ghlaschu ann an 1919 fhuair e cuireadh fuireach san arm na Mhà idsear Pìoba air an ochdamh feachd den Rèisimeid ach dhiùlt e.
An dèidh tighinn sà bhailte tron Chogadh, ann an 1927 bha tubaist aige aig obair agus chaill e an dà rna cas. Ged a thìll e a dh’ obair as dèidh iomadh bliadhna, bha crà dh aige an còrr de bheatha. Ach a dh’ aoindeoin sin, chaidh aige air puirt mhìorbhaileach a dhèanamh, puirt leithid Dora MacLeod, John Morrison of Assynt House agus The Conundrum.
Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri feadhainn aig a bheil eòlas air ceòl Phà draig agus air sgeuleachd a bheatha. Gheibh Jo cothrom cuideachd coinneachadh ri fear a bhiodh a’ faighinn leasain bhuaithe agus aig a bheil là mh-sgrìobhainn MhicLeòid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 1 Oct 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 1 Oct 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Oct 2019 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Feb 2022 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Feb 2022 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Feb 2022 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal