Main content
Sorry, this episode is not currently available

An neach-ealain, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn

Dealbh air an neach-ealain agus an tidsear Leòdhasach, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn. An insight into the life and work of the Lewis artist and teacher, Donald Smith.

B' ann air iasgairean, croitearan agus muinntir na coimhearsnachd a bha obair Dhòmhnaill Mhic a' Ghobhainn stèidhichte; deilbh làn dath, faireachdainn agus blàths. Tha taisbeanadh dhen obair ealain aige, Eileanach, ri fhaicinn sa City Art Centre an Dùn Èideann chun 26mh den t-Sultain agus tha leabhar, 'Donald Smith, The Paintings of an Islander’ air fhoillseachadh le Acair.

Rugadh Dòmhnall Mac a' Ghobhainn ann a Newvalley, air bràighe Stèornabhaigh, ann a 1926 agus chaidh e a Sgoil Ealain Grays an Obar Dheathain. Bha iomadach taisbeanadh aige thairis air 50 bliadhna agus rinn e na ceudan de dheilbh, cuid nach fhaca duine gu seo. A thuilleadh air a bhith dèanamh ealain, bha e a' teagasg ealain ann a sgoiltean ann an Obar Dheathain agus air an tuath ann an Leòdhas. Thog e taigh cloiche agus stiùidio ann am Bràgar nuair a thill e dhachaigh sna 70an agus sin far na shaothraich e, ag èisteachd ri ceòl Gàidhlig, agus far na chruthaich e an dìleab a th' againn an-diugh.

Anns an dàrna prògram a' coimhead air obair, tha sinn a' cluinntinn bhuaithe fhèin ann an dà agallamh a rinn e sna 80an mu obair. Tha iad a tha a' toirt dhuinn sealladh air inntinn nach robh sguir ach a' smaoineachadh air dealbhan; ciamar a bha e dhan dèanamh agus na bha fa-near dha le bhith dhan dèanamh.

Tha a' chiad chòmhradh leis an sgrìobhadair Iain Moireach, aig taisbeanadh leis air an robh Càirdeas a bha san Lanntair ann an 1986. Tha an dàrna còmhradh leis an sgrìobhadair Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair aig an taisbeanadh Sùil Timcheall a bh' aige ann an 1989.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 25 Jul 2019 12:00
  • Thu 25 Jul 2019 22:00
  • Sun 28 Jul 2019 09:30
  • Mon 28 Jun 2021 12:00
  • Mon 28 Jun 2021 22:00
  • Sun 4 Jul 2021 13:00