Main content
Sorry, this episode is not currently available

An neach-ealain Leòdhasach, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn

Dealbh air an neach-ealain agus an tidsear Leòdhasach, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn. An insight into the life and work of the Lewis artist and teacher, Donald Smith.

B' ann air iasgairean, croitearan agus muinntir na coimhearsnachd a bha obair Dhòmhnaill Mhic a' Ghobhainn stèidhichte; deilbh làn dath, blàths agus faireachdainn. Tha taisbeanadh den obair-ealain aige, Eileanach, ri fhaicinn sa City Art Centre an Dùn Èideann chun 26mh den t-Sultain agus tha leabhar, 'Donald Smith, The Paintings of an Islander’ air fhoillseachadh le Acair.

Rugadh Dòmhnall Mac a' Ghobhainn ann an Newvalley, air bràighe Stèornabhaigh, ann an 1926 agus chaidh e a Sgoil Ealain Grays an Obar Dheathain. Bha iomadach taisbeanadh aige thairis air 50 bliadhna agus rinn e na ceudan de dheilbh, cuid nach fhaca duine gu seo. A thuilleadh air a bhith a' dèanamh ealain, bha e a' teagasg ealain ann an sgoiltean an Obar Dheathain agus air an tuath ann an Leòdhas. Thog e taigh cloiche agus stiùidio ann am Bràgar nuair a thill e dhachaigh sna 70an agus sin far na shaothraich e, ag èisteachd ri ceòl Gàidhlig agus far na chruthaich e an dìleab a th' againn an-diugh.

Anns a' phrògram sa tha Annella Nicleòid a' bruidhinn ri feadhainn a bha eòlach air Dòmhnall agus air obair.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 18 Jul 2019 12:00
  • Thu 18 Jul 2019 22:00
  • Sun 21 Jul 2019 09:30
  • Tue 31 Dec 2019 12:00
  • Sun 5 Jan 2020 10:00
  • Mon 21 Jun 2021 12:00
  • Mon 21 Jun 2021 22:00
  • Sun 27 Jun 2021 13:00