Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1034

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1034.
Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 15 May 2019 23:00

Clip

Litir 1034: Na Sia Bonnaich Bheaga (2)

Bha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’. Bha am famhair na chadal. Rinn nighean an fhamhair sia bonnaich bheaga. Chuir i fear ri taobh an teine agus fear aig uisge nan cas. Chuir i fear aig doras an t-seòmair agus fear aig doras a’ chidsin. Chuir i fear ri taobh na leapa agus fear aig a’ bhobhstair. Theich i fhèin agus an gille.

Dhùisg am famhair. ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’ ghlaodh e.

‘Tha mi a’ smàladh an teine,’ thuirt am bonnach beag a bha ri taobh an teine.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ glanadh mo chasan,’ ars am bonnach beag a bha ri taobh uisge nan cas.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ fosgladh an dorais,’ ars am bonnach beag aig doras an t-seòmair.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ glasadh an dorais a-muigh,’ thuirt am bonnach beag aig doras a’ chidsin.

Chaidh am famhair a laighe. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich,’ ars am bonnach ri taobh na leapa.

Chaidil am famhair a-rithist. Nuair a dhùisg e, thuirt e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’

‘Tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach beag aig a’ bhobhstair.

Chaidil am famhair a-rithist. An turas seo, nuair a dhùisg e, agus nuair a dh’èigh e, ‘A bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?’, cha d’ fhuair e freagairt. Dh’èirich e agus chuir e air a chuid aodaich ʼs a bhòtannan. Dh’fhalbh e a-mach. Nuair a bha a bhòtannan air, bha e a’ dèanamh seachd mìle air a h-uile ceum. 

Chuala an nighean am famhair a’ tighinn. ‘Seo m’ athair,’ thuirt i ris a’ ghille. ‘Bidh e ag iarraidh ar marbhadh. Ach tha laigse aige. Tha ball-dòrain aige.’ Thog i ubhal òir agus dh’amais i air a bhall-dhòrain e. Thuit am famhair marbh.

Chùm an nighean agus an gille orra. Bha iad a’ tighinn faisg air baile mòr. Bha iad le chèile a’ dol a shireadh obair. Dh’aontaich iad gur dòcha nach biodh iad còmhla fad na h-ùine ach thug an nighean rabhadh don ghille. ‘Ma bheir thu pòg do bheathach no duine fhad ʼs a tha sinn anns a’ bhaile,’ thuirt i, ‘cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann.’

Nuair a ràinig an gille am baile, thàinig cù mòr dha ionnsaigh. Chuir an cù a spòg mu mhuineal a’ ghille, ʼs thug e pòg dha. Agus, an dèidh sin, dhìochuimhnich an gille nighean an fhamhair. Fhuair e obair ann an taigh an rìgh sa bhaile mhòr. Ghabh nighean an rìgh gaol air, agus bha iad a’ dol a phòsadh. 

Nise, fhad ʼs a bha seo a’ tachairt, bha nighean an fhamhair a’ coimhead airson obair is àite-fuirich anns a’ bhaile mhòr. Cha do lorg i càil ach obair aig gobha ann an ceàrdach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin nuair a bheir mi an stòiridh gu crìch.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Na Sia Bonnaich Bheaga: The Six Wee Bannocks; na chadal: sleeping; dhùisg: woke; laigse: weakness; ball-dòrain: mole; rabhadh: warning; dhìochuimhnich: forgot.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: uisge nan cas: the foot water (for cleaning feet when people went barefoot); fear ri taobh na leapa agus fear aig a’ bhobhstair: one next to the bed and one at the mattress; a’ smàladh an teine: smooring the fire; chaidil am famhair a-rithist: the giant slept again; a bheil thu a’ dol a laighe, a nighean?: are you going to bed, daughter?; a’ fosgladh an dorais: opening the door; ‘tha mi a’ togail m’ aodaich-oidhche,’ ars am bonnach beag aig a’ bhobhstair: ‘±õ’m lifting my night clothes,’ said the wee bannock at the mattress; cha d’ fhuair e freagairt: he didn’t receive a reply; nuair a bha a bhòtannan air, bha e a’ dèanamh seachd mìle air a h-uile ceum: when his boots were on him, he made seven miles with every step; bidh e ag iarraidh ar marbhadh: he’ll be wanting to kill us; thog i ubhal òir: she picked up a golden apple; dh’amais i air a bhall-dhòrain e: she aimed it at the mole; thuit am famhair marbh: the giant fell dead; bha iad le chèile a’ dol a shireadh obair: they were both going to look for work; gur dòcha nach biodh iad còmhla fad na h-ùine: that they would perhaps not be together all the time; ma bheir thu pòg do bheathach no duine: if you kiss an animal or person; cha bhi cuimhn’ agad gun robh mo leithid ann: you won’t remember that such a person as me existed; thàinig cù mòr dha ionnsaigh: a big dog came to him; chuir an cù a spòg mu mhuineal a’ ghille: the dog put its paw on the boy’s neck; thug e pòg dha: it gave him a kiss; cha do lorg i càil ach obair aig gobha ann an ceàrdach: she found nothing but work for a smith in a smiddy.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Tha mi a’ cur dhìom m’ aodaich: ±õ’m taking off my clothes. I’ve adhered to the traditional mode here, as did the original storyteller, of putting the object noun (aodach) in the genitive case (aodaich) following the verbal noun a’ cur and given that it is a definite noun following the (possessive) article mo (m’). Some modern speakers might say a’ cur dhìom m’ aodach. You could also say a’ cur dhìom mo chuid aodaich.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: chuir e air a chuid aodaich ʼs a bhòtannan: he put on his clothes and his boots.

Broadcasts

  • Sun 12 May 2019 22:30
  • Wed 15 May 2019 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast