Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1033

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1033.
Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 8 May 2019 23:00

Clip

Litir 1033: Na Sia Bonnaich Bheaga (1)

Halò a-rithist. Bu mhath leam sgeulachd thraidiseanta innse. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’. 

Bha mac banntraich ann uaireigin. Dh’fhalbh e a dh’iarraidh fhortain. Thàinig e gu taigh famhair. Bhuail e an doras.

‘Cò tha siud?’ ghlaodh am famhair. 

‘Tha mi ag iarraidh maighstir,’ ars an gille.

‘Tha gille a dhìth orm,’ dh’aontaich am famhair. ‘Dè an tuarastal a bhiodh tu ag iarraidh?’ Dh’ainmich an gille an tuarastal agus bha am famhair toilichte.

Nuair a dh’èirich an gille sa mhadainn, dh’iarr am famhair air na seachd bàthaichean aige a chartadh. Thòisich e air an cartadh. Ach na chuireadh e a-mach air an dàrna doras, thigeadh e a-steach air an doras eile. 

Nuair a thàinig an oidhche, thàinig nighean an fhamhair a-steach. ‘Tha thu air do shàrachadh, a dhuine bhochd!’ thuirt i.

‘Tha,’ dh’aontaich esan.

‘Ma gheallas tu,’ ars ise, ‘nach bi bean-phòsta agad gu bràth ach mise, nì mise an gnothach dhut.’

‘Uill, geallaidh,’ thuirt an gille.

‘Cruinnich, a shluasaid!’ ars ise. ‘Cuir a-mach, a ghràpa!’ An ceann beagan mhionaidean, cha robh càil air fhàgail anns na bàthaichean.

Thàinig am famhair dhachaigh. Chunnaic e gun robh na bàthaichean falamh. ‘Mo bheannachd dhut,’ thuirt e ris a’ ghille, ‘agus mo mhollachd don oide agad.’

An làrna-mhàireach, bha am famhair a’ falbh don bheinn-sheilg. Dh’iarr e air a’ ghille na seachd bàthaichean a thughadh le clòimhteach nan eun, gun bun iteig no bàrr iteig a bhith an-àirde.

Fhuair an gille gunna airson eunlaith a mharbhadh. Bha e a’ sealg fad an latha. Chan fhac’ e ach aon fhaoileag. 

Thàinig nighean an fhamhair a-mach, agus thuirt i ris, ‘Tha thu air do shàrachadh, a dhuine bhochd!’

‘Tha,’ ars esan. 

‘Ma gheallas tu,’ ars ise, ‘nach bi bean-phòsta agad gu bràth ach mise, nì mise an gnothach dhut.’

‘Geallaidh,’ thuirt an gille.

Thug an nighean trì gràinneanan eòrna a-mach à poca. Thilg i air mullach nam bàthaichean iad. Chruinnich eunlaith air mullaichean nam bàthaichean. Taobh a-staigh beagan mhionaidean, bha iad tughte le clòimhteach.

Thàinig am famhair dhachaigh. Chunnaic e gun robh na bàthaichean tughte. ‘Mo bheannachd dhut,’ thuirt e ris a’ ghille, ‘agus mo mhollachd don oide agad.’

An làrna-mhàireach, nuair a bha am famhair a’ falbh, dh’iarr e air a’ ghille each a ghlacadh nach fhaca riamh an talamh no an t-adhar. Thug e srian dha. Chunnaic an gille an t-each, ach cha b’ urrainn dha a ghlacadh.

Thàinig nighean an fhamhair a-mach. Thuirt i ris, ‘Tha thu air do shàrachadh, a dhuine bhochd!’

‘Tha,’ ars esan. 

‘Ma gheallas tu,’ ars ise, ‘nach bi bean-phòsta agad gu bràth ach mise, nì mise an gnothach dhut.’

‘Geallaidh,’ thuirt an gille.

Thug i srian bheag mheirgeach a-mach à poca. Chrath i ris an each i agus chuir an t-each a cheann innte.

Thàinig am famhair dhachaigh. Chunnaic e gun robh an t-each aige glacte aig a’ ghille. ‘Mo bheannachd dhut,’ thuirt e ris a’ ghille, ‘agus mo mhollachd don oide agad.’ Ghabh e a bhiadh, agus chaidh e a laighe.

Thàinig nighean an fhamhair a bhruidhinn ris a’ ghille. Bha droch naidheachd aice. ‘Ged a rinn thu a h-uile rud a dh’iarr e,’ thuirt i, ‘tha m’ athair a’ dol gar marbhadh co-dhiù.’ Chuir iad romhpa teicheadh. Ach mus do dh’fhalbh iad, rinn an nighean sia bonnaich bheaga. Chì sinn carson an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Na Sia Bonnaich Bheaga: The Six Wee Bannocks; an làrna-mhàireach: next day; eunlaith: birds; tughte: thatched; srian: bridle; meirgeach: rusty.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha mac banntraich ann uaireigin: there was at one time a widow’s son; dh’fhalbh e a dh’iarraidh fhortain: he went to seek his fortune; ghlaodh am famhair: the giant called; tha gille a dhìth orm: I need a servant/lad; dè an tuarastal a bhiodh tu ag iarraidh?: what wages would you want?; dh’iarr am famhair air na seachd bàthaichean aige a chartadh: the giant asked him to muck out his seven byres; na chuireadh e a-mach air an dàrna doras, thigeadh e a-staigh air an doras eile: what he’d put out the first door would come in the other door; ma gheallas tu nach bi bean-phòsta agad gu bràth ach mise, nì mise an gnothach dhut: if you promise me that you’ll never have another wife but me, I’ll do the business for you; cruinnich, a shluasaid!: gather, shovel!; cuir a-mach, a ghràpa!: put out, fork/grape!; mo bheannachd dhut agus mo mhollachd don oide agad: my blessing on you and my curse on your teacher; a’ falbh don bheinn-sheilg: leaving for the hunting mountain; na seachd bàthaichean a thughadh le clòimhteach nan eun, gun bun iteig no bàrr iteig a bhith an-àirde: to thatch the seven byres with bird down, without the base or top of a feather to be exposed; chan fhac’ e ach aon fhaoileag: he only saw one seagull; trì gràinneanan eòrna a-mach à poca: three grains of barley out of her pocket; dh’iarr e air a’ ghille each a ghlacadh nach fhaca riamh an talamh no an t-adhar: he asked the lad to catch a horse that had never seen ground or sky; tha m’ athair a’ dol gar marbhadh co-dhiù: my father is going to kill us anyway; chuir iad romhpa teicheadh: they decided to flee.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Bhuail e an doras: he knocked the door. The verb buail, a’ bualadh ‘strike, hit, knock’ in modern usage can often command a noun directly eg bhuail e an uinneag ‘he knocked the window’. But it can also be used with prepositions eg buail ann ‘collide with, bump into’. I’ve stuck to modern usage, but when the story was collected in the 19th Century, the storyteller (or collector) used the structure a’ bualadh anns an doras.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha thu air do shàrachadh, a dhuine bhochd!: you are vexed, poor man!

Broadcasts

  • Sun 5 May 2019 22:30
  • Wed 8 May 2019 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast