Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Kenneth MacDonald, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm a leanas:

Salm 93: 3-4 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Mac’Ilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Beàrnaraigh, na Hearadh.
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus ‘s e Dòmhnall Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 107: 23-30 air a sheinn le coitheanal Eaglais Chil-a-Rubha aig Eaglais na h-Alba ann an ÃŒle.

Leughaidhean: Ionah 1: 1-6 & Marcus 4: 35-41
Ceann-teagaisg: Ionah 1: 6

Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus an Oilthighean Ghlaschu is Chambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth a dhreuchd an sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba.

Bha e mu dheireadh na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais an Naomh Pòil ann am Muileann Dhaibhidh air iomall Ghlaschu.

30 minutes

Last on

Sun 28 Jul 2019 15:00

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 7 Apr 2019 09:00
  • Sun 7 Apr 2019 15:00
  • Sun 28 Jul 2019 09:00
  • Sun 28 Jul 2019 15:00