Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh airson Là nam Mà thraichean.
Religious service for Mother’s Day with Rev Suzie Roberts, Fleetwood Baptist Church, Poole.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu a’ seinn Moladh Dhè
Muriel Urchardan a’ seinn O Nach Domhain Grà dh Grà smhor Ìosa
Mà iri Mhoireasdan a’ seinn Hosanna don t-Slà naighear
Criosaidh NicDhòmhnaill le ‘S e ‘n Tighearna Fhèin mo Chìobair
Julie Fowlis a’ seinn Do Là mh a Chrìosda
Leughaidhean:
Genesis 18: 1-2 & 9-14
Ecsodus 1: 1-2 & 2: 1-10
Lùcas 10: 38-42
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig an Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson 18 bliadhna , ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh" na beatha. Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaistich aig Colaiste Spurgeon.
Tha i a-nis stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaistich Longfleet.
Last on
An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Broadcasts
- Sun 31 Mar 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Mar 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Aug 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Aug 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal