Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann Moireasdan, Eaglais na h-Alba 1992

1/2 Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Eachann Moireasdan, Eaglais na h-Alba 1992.

Gaelic religious archive service from 1992 conducted by Rev Hector Morrison.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 2-3 air fonn St David agus ‘s e Dòmhnall Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn.
Salm 45: 10-12 air fonn Torwood,agus ‘s e Dòmhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn
Salm 122: 6-7 air fonn Stornoway agus ‘s e Alasdair Dòmhnallach a tha os cionn na seinn
Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Salm 34: 1-10
Ceann-teagaisg: Salm 34:5

Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Steòrnabhagh. 'S ann à Grabhair a bha a phàrantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mhàthair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach agus b' esan an dàrna duine bu shine. Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar phàirt den trèanadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.

Phòs Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige san Dùbhlachd 1981. Chuir e seachad naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhac dhaibh aig an àm sin, Neil agus Ruairidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Ghàidhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus thòisich e air searmonachadh sa chànan.

B' e a' chiad ministear a bha air coitheanal Loch Aillse nuair a ghluais e sin ann 1990. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse agus 's e Cailean a thug iad air. Fhads a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh.

Ghluais iad à Loch Aillse ann an 1994 nuair a chaidh e a' sàs ann a bhith cur air chois ionad Diadhachd na Gàidhealtachd. 'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu mòr air cùlaibh Ionad Diadhachd na Gàidhealtachd a chur air chois. Bha an t-ionad, ri taobh Colaiste Mhoireibh, mar phàirt de dh'ionadan is colaistean a bha air an stèidheachadh fo bhratach Oilthigh na Gàidhealtachd. Thòisich iad ann an ionad gu math beag ann an 1994 agus aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus an togalach fhèin aca. Dh'atharraich iad an ainm gu Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd. Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.

30 minutes

An t-Urr Eachann Moireasdan

An t-Urr Eachann Moireasdan

Broadcast

  • Sun 3 Mar 2019 21:00