Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh.

Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland Minster for Uig and Bernera

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 51: 9-10 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear.
Salm 44: 3-4 air fonn Bangor agus ‘s e Iain Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige.

Leughadh: Eabhraidhich 2: 1-18

Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.

B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh aig an àm sin.

Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca Teàrlach.

30 minutes

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart

Broadcasts

  • Sun 10 Mar 2019 09:00
  • Sun 10 Mar 2019 15:00