Gaisgeach an MV Richmond Castle
Sgeulachd mu ghaisgeachd Aonghais Mhoirich à Siabost a bha air bòrd MV Richmond Castle.
Dramatic account of Angus Murray’s bravery after the sinking of MV Richmond Castle in 1942.
“O, Aonghais Mhoirich, a churaidh,
Chaidh d' ainm air feadh an taoibh tuath,
Mar neach a bhios maireann
San t-strì ri tonnan a’ chuain.â€
Briathran às an òran a sgrìobh Dòmhnall Iain MacÌomhair mar chuimhneachan air Aonghas Moireach, Aonghas Goosaidh, à Siabost ann an Leòdhas.
‘S e strì ri tonnan a’chuain gu dearbh a bh’ ann an eachdraidh Aonghais aig à m an Dà rna Cogaidh. Air a’ cheathramh latha den Lùnastal 1942, ‘s e air bòrd an MV Richmond Castle, 700 mìle an iar air Newfoundland, chaidh am bà ta aca a chur fodha le bà t'-aigeil Gearmailteach agus bha Aonghas, mar mheadhan air seachd duine deug dhen chriutha a shà bhaladh.
Rinn Aonghas seòl a’ cleachdadh plaideachan agus, le chuid èolais aig muir na òige ann an Leòdhas, fhuair e air an rà th a chumail air uachdar na fairge airson naoi latha gus an tà inig cobhair.
Chaidh am BEM a bhuileachadh air Aonghas airson a chuid gaisgeachd ann a 1942.
Cluinnidh sibh criomagan den chòmhradh a bh’ aig Ceitidh Anna NicChoinnich ri Aonghas ann a 1987 agus cuideachd na cuimhneachain th’ aig an nighean aige Rhoda air na bha i fhèin a' cluinntinn mu na rinn e. Ged a tha faisg air ceithir fichead bliadhna bho thachair e tha dlùth cheangal eadar teaghlaichean criutha an MV Richmond Castle.
Last on
Broadcasts
- Thu 21 Feb 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 21 Feb 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Feb 2019 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 27 Dec 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2019 14:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal