Ceud bliadhna de Dhàil na h-Èireann
Èirinn o chionn 100 bliadhna nuair a dh’fhosgail An Dàil agus a thòisich an cogadh.
Circumstances in Ireland 100 years ago when the Dáil first opened and war began.
Bho chionn ceud bliadhna an-diugh bha cogadh an dèidh tòiseachadh ann an Èirinn. Dh’fhosgail Dàil Èireann air an 21mh latha dhen Fhaoilleach 1919 ach air an aon latha cuideachd thòisich am fòirneart an aghaidh feachdan an airm is na poilis air feadh na h-Èireann. Tha Coinneach a’ cluinntinn mar a tha Èireannaich an latha an-diugh a’ comharrachadh na bliadhna.
Cuideachd sa phrògram an-diugh beachd bho Astràilia air mar a tha teas uabhasach air aibhnichean fhàgail ìosal is daoine fhàgail a’ fulang ann an aimsir de chòrr air 40C. Ciamar a tha Astràilianaich a’ dèiligeadh ris an seo?
Tha Aonghas Dòmhnallach a’ mìneachadh “Black Arrow”, seann phròiseact rocaid Breatannach a th’ air ùr-nochdadh anns na meadhanan.
Agus às dèidh òraid Theresa May an-dè, ciamar a thèid aig saoranaich Eòrpach air cead fhaighinn fuireach san Rìoghachd Aonaichte? bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 22 Jan 2019 09:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Tue 22 Jan 2019 21:00鶹 Radio nan Gàidheal