A bheil rionnagan spòrs nan droch eisimpleir?
Dè cho dona ‘s a tha an eisimpleir a tha rionnagan spòrs a’ toirt dhan a’ luchd-leantainn aca? How bad an example do sports men and women set for their fans?
Cha bheag na tha sinn a’ cluinntinn an-drà sta mu eas-aonta san Roinn Eòrpa, gu sònraichte eadar Breatainn agus a’ Bhruiseal. Ach tha argamaidean a’ dol eadar an Fhraing agus an Eadailt cuideachd co-cheangailte ri poileasaidhean na Frainge ann an Afraga. Ach carson a tha sin cho connspaideach? Gheibh Coinneach a-mach bho Sheònaid Boydell ann am Paris.
Cuideachd sa phrògram an-diugh tha Coinneach a’ faighneachd a bheil ar luchd-spòrs nan droch eisimpleirean don òigridh is Ronaldo a-nise air cà in deugachadh de mhilleanan fhaighinn airson seachnadh chìsean. Dè na beachdan a th’ aig luchd-leantainn ball-coise?
Tha an tè-lagh Iseabail NicLeòid a’ mìneachadh an diofar laghail eadar aonta agus cùmhnant.
Agus tha an saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid a’ beachdachadh air carson a tha sinn gu nà darrach a seachnadh daoine gun dachaigh nuair a chì sinn iad air an t-srà id. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 23 Jan 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Jan 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal