Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1010
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1010.
Last on
Wed 28 Nov 2018
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 706
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1010
Duration: 05:00
Litir 1010: Dùghall MacIlleMhìcheil
Tha là rach-lìn ann air a bheil fiosrachadh mu lus-eòlaichean ainmeil. Agus air tè de na duilleagan aice, tha seo: Carmichael, Dugald: Scottish doctor and biologist, known locally as Dùghall Bà n or Fair Dugald, and An Dotair Bà n, or the Fair Doctor. Uill, nach eil sin ag innse dhuinn gun tà inig e à coimhearsnachd Ghà idhealach! Le ainm mar Carmichael – MacIlleMhìcheil – cha chuir e iongnadh oirbh nuair a »å³ó’innseas mi dhuibh gur ann à Lios Mòr a bha e. Taobh a-muigh an eilein sin, ge-tà , cha chreid mi gun cuala mòran daoine ann an Alba mu dheidhinn.
Bha Dùghall MacIlleMhìcheil ainmeil ann an saoghal nan lus-eòlaichean. Bithear a’ gabhail ‘Father of Marine Botany’ air. Nise, bha mise ann an Lios Mòr as t-fhoghar airson daoine a thoirt don chladach, a choimhead air feamainn. B’ fheà rr leam gun robh Dùghall air a bhith còmhla rinn! Agus tha amharas agam nach e ‘feamainn’ a chanadh e fhèin ri seaweed. Chuala mi Liosach a’ cleachdadh an fhacail rolag, ged nach do lorg mi e ann am faclair sam bith.
Co-dhiù, tha mi airson innse dhuibh mu Dhùghall MacIlleMhìcheil. Rugadh e ann an Sròn na Craoibhe, ann an ceann a tuath Lios Mòr, anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1772). Bha a phà rantan nan croitearan bochda. Bho òige, bha ùidh mhòr aig Dùghall ann an nà dar, gu h-à raidh anns na lusan a bha a’ fàs ann an Lios Mòr.
Ach chan e saidheans a rinn e aig an oilthigh. Chaidh e an toiseach a »å³ó’Oilthigh Ghlaschu far an do rinn e Eòlas Clasaigeach. Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e sgoilearachd airson a dhol ann. An uair sin, ghluais e a »å³ó’Oilthigh Dhùn Èideann airson Eòlas-leigheis a dhèanamh. Thà inig e a-mach mar lannsair.Â
Dh’obraich e airson naoi bliadhna mar lannsair ann an rèisimeid ris an canadh iad na h-Argyll Fencibles. Bha e ann an Èirinn fad na h-ùine sin, ach cha robh e riaraichte. Bha e airson tuilleadh eòlais a bhith aige air nà dar agus bha e airson a dhol a-null thairis. Mar sin, ghabh e cothrom mar shaighdear ann an rèisimeid eile – na 72nd Highlanders.
Bha e an toiseach ann an Ceap an Deagh Dhòchais ann an Afraga a Deas. Bha e air a bheò-ghlacadh leis na bh’ ann de lusan an sin. Ann an ochd ceud deug ʼs a seachd (1807), chaidh e – gu saor-thoileach – gu Bà gh Algoa, gu sear air a’ Cheap, faisg air far a bheil Port Ealasaid an-diugh. An sin, thòisich e air ùidh a ghabhail anns na h-èisg, a bharrachd air na lusan.
Sgrìobh Dùghall notaichean gu math mionaideach mu na craobhan is lusan a bha a’ fàs anns an sgìre sin, agus am feum a dhèanadh muinntir an à ite dhiubh. Agus dhìon e cliù nan siorcan a tha pailt sa mhuir an sin. A bharrachd air sin, tha tuairisgeul aige de dhòigh-beatha nan daoine agus dhen t-seilg a rinn e fhèin.
Ann an ochd ceud deug ʼs a deich (1810), bha MacIlleMhìcheil an sàs ann an iomairt armaichte aig na Breatannaich airson Mauritius a ghabhail thairis bho na Frangaich. Aig an à m sin, ʼs e L’Isle de France no Eilean na Frainge a chanadh daoine ri Mauritius. Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir mar a chaidh do Dhùghall MacIlleMhìcheil anns a’ ghnothach sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ±ôà °ù²¹³¦³ó-±ôì²Ô: website; lus-eòlaichean: botanists; Lios Mòr: Lismore; Dùghall MacIlleMhìcheil: Dugald Carmichael; as t-fhoghar: in the autumn; amharas: suspicion; Eòlas Clasaigeach: Classics; Eòlas-leigheis: Medicine; Ceap an Deagh Dhòchais: The Cape of Good Hope; gu saor-thoileach: voluntarily; Port Ealasaid: Port Elizabeth.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: nach eil sin ag innse dhuinn gun tà inig e à coimhearsnachd Ghà idhealach: doesn’t that tell us that he came from a Gaelic community; a choimhead air feamainn: to look at seaweed; b’ fheà rr leam gun robh X air a bhith còmhla rinn: I wish X had been with us; bha a phà rantan nan croitearan bochda: his parents were poor crofters; bha ùidh mhòr aig X ann an nà dar: X was very interested in nature; thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e sgoilearachd airson a dhol ann: it’s thought he got a scholarship to go there; »å³ó’obraich e airson naoi bliadhna mar lannsair ann an rèisimeid: he worked for nine years as a surgeon in a regiment; bha e airson a dhol a-null thairis: he wanted to go overseas; Bà gh Algoa, gu sear air a’ Cheap: Algoa Bay, east of the Cape; sgrìobh X notaichean gu math mionaideach mu na craobhan is lusan a bha a’ fà s anns an sgìre sin: X wrote very detailed notes about the trees and plants that were growing in that area; am feum a dhèanadh muinntir an à ite dhiubh: the use that the local people would make of it; tha tuairisgeul aige de dhòigh-beatha nan daoine agus dhen t-sealg a rinn e fhèin: he has a description of the way of life of the people and of the hunting he did himself; an sà s ann an iomairt armaichte aig na Breatannaich airson Mauritius a ghabhail thairis bho na Frangaich: involved in an armed action by the British to take Mauritius from the French.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chaidh e an toiseach a »å³ó’Oilthigh Ghlaschu: he first went to Glasgow University. I’ve here used the preposition ‘a’ for ‘to’ (rather than, for example ‘gu’). Because it juxtaposes two vowels, we put in a »å³ó’ to make it easier to say. Chaidh i a »å³ó’Oslo ‘she went to Oslo’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha chreid mi gun cuala mòran daoine ann an Alba mu dheidhinn: I don’t think many people in Scotland [have] heard about him.
Broadcasts
- Sun 25 Nov 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Nov 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.