Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1009

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 1009.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 21 Nov 2018 23:00

Clip

Litir 1009: Lios Mòr

Aig toiseach an fhoghair bha mi air Eilean Lios Mòr ann an Earra-Ghàidheal. ʼS ´Úì´Ç°ù thoigh leam Lios Mòr. Tha an t-eilean brèagha is torrach, tha e ann an suidheachadh àlainn agus tha e làn eachdraidh.

Bidh fios agaibh gu bheil mi measail air àiteachan a th’ air an ainmeachadh airson nam Fianna. Agus ann an ceann a tuath Lios Mòr, tha Eilean Loch Oscair, Sliabh nam Ban-Fiann, Fianna-Chnocan agus Port nam Mòr-laoch. Tha iad uile faisg air a chèile agus tha iad uile a’ cuimhneachadh nam Fianna. Bha e math cuideachd, aig cèilidh aon oidhche, a bhith am measg muinntir an àite, agus Gàidhlig aig gu leòr aca.

Bha mi anns an eilean air adhbhar – airson daoine a stiùireadh don chladach a choimhead air feamainn a dh’fhàsas ann, agus mar a ghabhas a cur gu feum mar bhiadh is eile. Thagh sinn camas beag airson sin, a bha ri taobh seann chaisteal.

Mus do thòisich sinn air sùil a thoirt air na bha a’ fàs air a’ chladach, b’ fheudar dhomh an sgeulachd mun chaisteal, Caisteal Chaifinn, innse do dhaoine. Co-dhiù tha e a’ riochdachadh na fìrinn no nach eil, chan urrainn dhomh a ràdh.

ʼS e Lochlannach a bh’ ann an Caifinn. ʼS e prionnsa a bh’ ann, agus bha e cumhachdach is làidir. Bha an caisteal na dhachaigh dha. Bha piuthar aige air an robh Beothail mar ainm. Bha i àlainn na coltas is coibhneil na dol a-mach. Choisinn i cliù am measg muinntir an eilein.

Bha Beothail ann an gaol le fear òg Lochlannach. Ach b’ fheudar don duine seo falbh a chogadh ann an Lochlann. Chaidh na mìosan seachad agus cha robh sgeul no guth air a’ ghaisgeach. Mu dheireadh, thàinig fios à Lochlann – chaidh an gaisgeach a mharbhadh ann am blàr fuilteach.

Bha Beothail troimhe-chèile le bristeadh-cridhe agus bròn. Chaidh i a laighe na leabaidh agus cha do dh’èirich i aiste. Chaochail i no, mar a chanas iad ann an Lios Mòr, shiubhail i. Chaidh a tiodhlacadh air cnoc còmhnard faisg air a’ chaisteal.

Bha Beothail aig fois ach cha robh a taibhs. Bhiodh daoine ga cluinntinn air oidhcheannan stoirmeil, ag ràdh nam faclan seo: ‘Tha mo bhràthair a’ dol seachad. Tha mi ʼn dùil gun èist e rium agus gun cluinn e m’ iarrtas.’ B’ e an t-iarrtas aice gum biodh an dust aice air a thoirt a Lochlann airson a bhith ri taobh a leannain.

Chuala Caifinn a h-iarrtas. Thog e na cnàmhan aice às an uaigh agus ghlan e iad ann an tobar ris an canar Tobar nan Cnàmh. Sheòl Caifinn agus a sgioba gu ruige Lochlann agus chuir iad cnàmhan Beothail ann an uaigh a leannain.

Ge-tà, goirid an dèidh do Chaifinn tilleadh a Lios Mòr, thòisich an taibhs aig Beothail air èigheachd a-rithist. ‘Tha mo bhràthair a’ dol seachad. Tha mi ʼn dùil gun èist e rium agus gun cluinn e m’ iarrtas.’ Rùraich daoine timcheall an àite far an robh i air a tiodhlacadh ann an Lios Mòr roimhe. Agus lorg iad aon chnàimh a bharrachd aice – cnàimh meòir. Sheòl iad air ais a Lochlann turas eile, leis a’ chnàimh bheag, agus chuir iad e fon talamh an cois nan cnàmh eile aig Beothail. Agus, bhon uair sin, cha chualas a taibhs a-rithist ann an Lios Mòr.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: torrach: fertile; camas: bay; fuilteach: bloody; taibhs: ghost; Tobar nan Cnàmh: ‘The Well of the the Bones’; cnàimh meòir: a finger bone.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Aig toiseach an fhoghair: at the beginning of autumn; ann an suidheachadh àlainn: in a beautiful situation; tha iad uile a’ cuimhneachadh nam Fianna: they all remember the Fianna; a bhith am measg muinntir an àite: to be among the local people; anns an eilean air adhbhar – airson daoine a stiùireadh don chladach a choimhead air na feamainn a dh’fhàsas ann: on the island for a reason – to guide people to the shore, looking at the seaweeds that grow there; b’ fheudar dhomh an sgeulachd mun chaisteal, Caisteal Chaifinn, innse do dhaoine: I had to tell the story to people about the castle, Castle Coeffin; co-dhiù tha e a’ riochdachadh na fìrinn no nach eil: whether or not it represents the truth or not; bha piuthar aige air an robh Beothail mar ainm: he had a sister called Beothail; àlainn na coltas is coibhneil na dol a-mach: beautiful in her appearance and kind in her demeanour; choisinn i cliù: she built a reputation; cha robh sgeul no guth air a’ ghaisgeach: there was no sight or sound of the hero; troimhe-chèile le bristeadh-cridhe agus bròn: extremely upset with a broken heart and sadness; chaidh i a laighe na leabaidh agus cha do dh’èirich i aiste: she went to bed and she didn’t rise again; chaidh a tiodhlacadh air cnoc còmhnard faisg air a’ chaisteal: she was buried on a flat hill near the castle; gun cluinn e m’ iarrtas: that he’ll hear my request; ri taobh a leannain: next to her sweetheart; sheòl X gu ruige Lochlann: X sailed to Scandinavia; rùraich daoine timcheall an àite far an robh i air a tiodhlacadh roimhe: people searched around the place where she was buried previously; cha chualas a taibhs a-rithist ann an Lios Mòr: her ghost wasn’t heard again in Lismore.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: ʼS ´Úì´Ç°ù thoigh leam Lios Mòr: I really like Lismore. Using ´Úì´Ç°ù is a way of strengthening the phrase is toigh leam. Is ´Úì´Ç°ù thoigh leis fìon dearg ‘he loves red wine’. In the past tense it is B’ fhìor thoigh le eg b’ fhìor thoigh le Màiri a’ bhun-sgoil aice ‘Mary loved her primary school’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: shiubhail i: she died.

Broadcasts

  • Sun 18 Nov 2018 22:30
  • Wed 21 Nov 2018 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast