Main content
This programme is not currently available

Sgrìobhaichean air Sgrìobhadh - Runrig

Balaich Runrig ag innse mar a tha iad a' sgrìobhadh nan òran aca do dh' Aonghas Dubh MacNeacail. Runrig tell Aonghas MacNeacail about the inspiration behind their songs.

Tha Ruaraidh 's Calum Dòmhnallach ainmeil an-diugh airson nan òran Gàidhlig agus Beurla a tha iad a' sgrìobhadh. Sa phrògram seo tha sinn a' faighinn a-mach mu na bha iad a' leughadh a' fàs suas an Uibhist a Tuath agus mar a thug a bhith a' leughadh nobhailean chloinne steidhichte 's na h-eileanan buaidh orra. Nuair a bha iad na bu shine thòisich iad a' leughadh leabhraichean mu eachdraidh nan eilean agus 's e fosgladh sùil dha-rìribh a bha sin dhaibh, gu dearbh 's dòcha gun dh'atharraich e cùrsa am beatha le mar a theann iad air òrain a' sgrìobhadh. Dh'fhàg an ceòl 's na h-òrain a bha iad a' cluinntinn nan òige aig an taigh làrach orra cuideachd agus bha sin na bhun-stèidh dhan a' sgrìobhadh aca. 'S cluinnidh sinn cuideachd mun oidhche a thuig Calum cho sònraichte 's a bha an dualchas bho bheil iad.

33 minutes

Last on

Sun 26 Aug 2018 10:00

Broadcasts

  • Tue 21 Aug 2018 12:00
  • Tue 21 Aug 2018 22:00
  • Sun 26 Aug 2018 10:00